Ùrachadh mu Dheireadh 11/04/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ìomhaigh-bràghad de dh'Eachann Friseal, Ceannard Sgoil Gràmair Inbhir Nis
EXTERNAL ID
AB_ROYALACADEMY_005
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1810an
CRUTHADAIR
Ewen Weatherspoon
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
498
KEYWORDS
sgoiltean
foghlam
luchd-teagaisg
tidsearan
luchd-obrach
ceannardan-sgoile
maighstirean-sgoile
ìomhaighean-bràghad
Bust of Hector Fraser, Rector of Inverness Grammar School, 1755 to 1777

Bha Eachann Friseal na cheannard air Sgoil Ghràmair Inbhir Nis fad fichead 's a dhà bliadhna. Dhùin an sgoil ann an 1792 nuair a dh'fhosgail Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Chaidh ìomhaigh-bràghad den Fhrisesalach a dhèanamh le Ridseard Westmacott (a rinn cuideachd cuid den t-snaidheadh air Marble Arch ann an Lunnainn) agus chaidh seo a chur ann an Talla togalach tùsail na h-Acadamaidh ann an 1812. Tha i a-nis [2009] suidhichte ann an Leabharlann na h-Acadamaidh Rìoghail, a tha a-nis ann an Cùl Daothail. Chan eil fhios againn ciamar a bha fios aig an neach-ealain dè an coltas a' bh' air an Fhrisealach.

'S ann à Inbhir Nis a bha am Frisealach ach bha e air a bhith na bhursair, an dà chuid anns na h-ealain agus ann diadhachd ann an Colaiste an Rìgh, Obar Dheathain. Cheumnaich e ann an 1732, is dòcha aig aois 18 no 19 mar a bha àbhaisteach aig an àm. Chaidh fhastadh an uair sin mar mhaighstir sgoile Acadamaidh Bethnal Green ann an taobh an ear Lunnainn. Bhiodh e còrr is 40 bliadhna a dh'aois ann an 1755 nuair a thill e a dh'Inbhir Nis far an deach a thaghadh leis na maighstirean-lagha mar mhaighstir na Sgoil Ghràmair. Is e Laideann as motha a bhiodh e a' teagasg le beagan Greugais cuideachd, is dòcha. Thug na maighstirean-lagha £15 dha airson a bhith a' gluasad à Lunnainn còmhla ri a theaghlach.

Bha e den bheachd gum bu chòir don Sgoil Ghràmair a bhith na pàirt de dh'Acadamaidh far am biodh na cuspairean uile air an teagasg fo aon neach - ceannard-sgoile. Air an adhbhar seo, dh'iarr e air Comhairle a' Bhaile sgeama den t-seòrsa a thoirt a-steach coltach ris an sgeama aig Bethnal Green, sgeama a bha a' fàs cumanta ann an Sasainn agus ann an cuid a dh'àiteachan ann an Alba.

Às dèidh beachdachadh air a' chùis, dh'aontaich a' chomhairle a dhol air adhart leis a' phlana aige agus phàigh iad an tuarastal a chaidh aontachadh airson neach-teagaisg matamataig don Fhrisealach cho math ri airgead airson màl air taigh-sgoile. Taobh a-staigh bliadhna, thug a' chomhairle còir dha a dhol seachad air an t-seann drochaid cìse thar an Nis gun chìs.

Cha chualas an còrr mun Fhrisealach gus an Giblean 1777 nuair a bha e mu 65 bliadhna a dh'aois. Tha e coltach gu bheil an tosd seo a' sealltainn dhuinn nach robh adhbhar aig a' chomhairle a bhith a' gearan agus gur dòcha gun robh a' chomhairle fìor thoilichte le obair.

Ann an 1777, dh'aithris am Pròbhaist gun robhar a' tuigsinn gun robh Mgr Eachann Friseal, Ceannard na Sgoil Ghràmair, deònach obair a leigeil dheth. A chionn 's gun do dh'obraich e às leth na coimhearsnachd gu dìcheallach is gu cliùiteach fad iomadh bliadhna, bha iad ga mheas iomchaidh suim bhliadhna de dh'fhichead not a thoirt dha. Ghabh e ris an tairgse seo agus leig e dheth a dhreuchd bho 30 Giblean 1777. Chaochail e ann an 1786. Tha am Frisealach air a thiodhlacadh ann an Gàrradh a' Chaibeil ann an Inbhir Nis agus bha cuid de na seann sgoilearan aige cho measail air is gun deach dìnnear bhliadhnail a chumail mar chuimhneachan air fad iomadh bliadhna. Chaidh a' chiad dhìnnear a tha fios againn mu dheidhinn a chumail san t-Sultain 1792.

Bha a chliù air fàs cho mòr ro 1811 is gun deach ìomhaigh-bràghad òrdachadh dheth. Tha an Laideann sgrìobhte oirre a' ciallachadh:

"Eachann Friseal fear air leth mòr ma tha mòrachd ga thomhas mar deagh thuigse air dleastanasan, dìlse, sar sgoilearachd agus gràdh air a cho-shaoranaich. Rugadh e ann an Inbhir Nis agus bha e na neach-teagaisg san sgoil seo gus an robh e aosta. Tha fios aig na sgoilearan aige air cho math, misneachail is dìcheallach sa bha e air a dhreachd. Gus cuimhneachadh air an duine agus air na feartan aige a tha airidh air comharrachadh, tha a sgoilearan air aontachadh an ìomhaigh seo de shàr neach-teagaisg a chur air dòigh sa bhliadhna 1812. Cuin a lorgas iad a leithid?"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ìomhaigh-bràghad de dh'Eachann Friseal, Ceannard Sgoil Gràmair Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1810an

sgoiltean; foghlam; luchd-teagaisg; tidsearan; luchd-obrach; ceannardan-sgoile; maighstirean-sgoile; ìomhaighean-bràghad

Am Baile

Inverness Royal Academy (photographs)