Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
2 Litir o Iain Alves, Inbhir Nis gu Uilleam Bàillidh, Dùn an Naoimh Sheòrais, India, duilleag
EXTERNAL ID
Z_GB232_D456_A_16_18_6
ÀITE
Inbhir Nis
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1775
LINN
1770an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
4989
KEYWORDS
Bàillidhean Dhùn Eathain
Companaidh Taobh Sear Nan Innseachan
Uilleam Bàillidh
Kinmylies
Cogaidhean Neo-eisimileachd Aimearagaidh
eilthireachd
co-sgrìobhadh
litrichean
2nd Letter from John Alves, Inverness to William Baillie, Fort St George, India, page 6

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

Tha an sgrìobhainn seo o'n 16mh den Ghiblean 1775. 'S e litir o Iain Alves ann an Inbhir Nis gu Uilleam Bàillidh aig Dùn an Naoimh Sheòrais anns Na h-Innseachan a th' ann. Bha Uilleam (1737-1782) air fhasdadh mar oifigear airm de Chompanaidh Bhreatannach Taobh Sear Nan Innseachan.

Tha an litir ag innse gun do bhàsaich athair an ùghdair agus tha e a' toirt aithris air slàinte chàirdean is charaidean. Tha e ag innse mu iarrtasan o mhinistearan parraiste airson mansaichean agus mu na trioblaidean a th' ann mar thoradh air sin. The a ag aithris gun deach Oighreachd Chinn Mhìlidh a reic ri Evan Bàillidh à Dabhach Phùir, a tha a-nis ann am Bristol.

The e a' bruidhinn air cuspairean eile mar phòsadh Ceit Bhàillidh à Dabhach Phùir is Probhaist Siosal, agus cunntasan na h-oighreachd airson 1773.

Tha earrann gu math inntinneach ann mu'n eilthireachd a bha a' dol air adhart, le mòran dhaoine a' fàgail na Gàidhealtachd 's a' dol dh'Aimearagaidh, agus seo a' gabhail àite nuair a bha uiread de dh'aimhreit ann aig àm Cogaidhean Neo-eisimealachd Aimeirigaidh. Tha eagal air Alves gum bi tòrr fuil air sileadh mus bi cùisean air an rèiteachadh.

Tha an litir a' crìochnachadh le nota goirid o Eilidh Alves ag iarraidh air a bràthair tilleadh dhachaigh.

Tha an dealbh seo a' sealltainn ainm is seòladh an neach-gabhail air cùlaibh a' phàipeir. Mus robh cèisean ann, bhathas a' lùbadh litrichean leis an t-seòladh air an taobh a-muigh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

2 Litir o Iain Alves, Inbhir Nis gu Uilleam Bàillidh, Dùn an Naoimh Sheòrais, India, duilleag

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1770an

Bàillidhean Dhùn Eathain; Companaidh Taobh Sear Nan Innseachan; Uilleam Bàillidh; Kinmylies ; Cogaidhean Neo-eisimileachd Aimearagaidh; eilthireachd; co-sgrìobhadh; litrichean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers