Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh ri Calum Dòmhnallach bho Runrig, 2009
EXTERNAL ID
AB_RUNRIG_01
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2009
LINN
2000an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Chalum Dòmhnallach
AITHNEACHADH MAOINE
499
KEYWORDS
runrig
Interview with Runrig's Calum Macdonald, 2009

C: Ciamar a dhèanadh tu samhla air ceòl Runrig do chuideigin nach robh air cluinntinn riamh mun chòmhlan?

F: 'S e sin rud a gheibhinn caran doirbh a dhèanamh leis gu bheil thu cho faisg air a' chùis, ach bu toigh leam smaoineachadh gur e ceòl a bh' ann a bha mu 'òran' sa chiad dol-a-mach, agus ged a tha e co-aimsireil agus stèidhte air 'rock', tha buaidh làidir aig ceòl traidiseanta Ceilteach agus Gàidhlig air.

C: Saoil carson a tha daoine cho measail air Runrig ann an àitean mar an Danmhairg agus a' Ghearmailt?

F: 'S e dìreach gun deach aig companaidhean chlàr air ar faighinn air an rèidio. (Rud air nach d' rinn sinn an gnothach riamh san RA). Sa Ghearmailt 's e fan mòr a bha san fhear a bha os cionn a' phrìomh stèisein rock/pop agus fhuair esan tòrr cluich cudromach air an rèidio dhuinn agus thàinig 'hit singles' às an sin. An uair sin tha cothrom agad sa bhad air luchd-èisteachd cianail mòr, agus ma chòrdas an rud a chluinneas iad riutha - thig iad chun nan cuirmean - agus ma chòrdas sin riutha, tillidh iad.
Tha 'scene' beò a tha fìor mhòr aig an Danmhairg agus tha sinn air a bhith a' cluich an sin o mheadhan nan 80an, a' cruinneachadh luchd-èisteachd, ach 's ann dìreach o chionn ghoirid a tha Runrig air a bhith na phrìomh chleas don mhòr-shluagh. (Bha an cruinneachadh mu dheireadh againn, Everything You See, aig Àir.1 air a' chlàr nàiseanta aca airson 5 seachdainean.) A-rithist, b' ann air sgàth cluich rèidio a bha seo, agus càirdeas fìor mhath leis a' chompanaidh chlàr againn san Danmhairg a tha a' creidsinn gu mòr sa chòmhlan agus a' cur taic làidir rinn.

C: Leis an àireamh mhòr mhòr de dhaoine ann an Ameireaga a Tuath a tha a' cumail a-mach gum buineadh an sinnsrean do dh'Alba tha e droil gum b' ann dìreach ann an 2006 a chluich an còmhlan an ciad gig an sin. An robh adhbhar sònraichte airson seo?

F: Airson còmhlan leithid Runrig tha e fìor chosgail a bhith air chuairt. Chluich sinn ann an Canada grunn thursan thairis nam bliadhnachan agus dh'obraich sin gu math, ach b' e gnothach eile a bh' anns na Stàitean Aonaichte. Airson còmhlan dhar leithid le riochdachadh de mheudachd shònraichte nach robh sinn airson atharrachadh, bha e gu bhith cianail daor a dhol air chuairt agus dh'fheumamaid a bhith air iomadh bliadhna a chur seachad a' cluich na cuairte mus biodh an t-ionmhas air cothromachadh airson a' chùis gu lèir a dhèanamh comasach.
Thug sinn sùil gheur air seo aig toiseach nan 90an nuair a thòisich sinn cùmhnant le companaidh chlàr mòr agus 'agency' ciùil mòr. Bhruidhinn sinn air gluasad a-null an sin airson bliadhna no dhà agus obrachadh a-mach à ionad ann an Ameireaga a Tuath. Ach bha teaghlaichean òga aig cuid againn 's mar sin air adhart agus mu dheireadh cho-dhùin sinn gun a dhol an sàs ann am margaidh Ameireaga - ach a-mhàin airson fhèisean an aon uair a mhàin air neo an seòrsa cuirm a rinn sinn ann an New York o chionn dà bhliadhna a bha airson carthannais.

C: Tha atharrachadh no dhà air tighinn air luchd-cluiche Runrig thar nam bliadhnachan. Ciamar a bhios sibh a' dèiligeadh ri buill a' gluasad air falbh agus feadhainn eile a' tighinn a-steach, agus a bheil duine ann nach dèan sibh an gnothach às aonais?

F: Chan eil, chan eil duine ann nach dèan sinn a' chùis às aonais agus faodaidh atharrachadh sa bhallrachd a bhith an dà chuid doirbh agus togarrach. Air iomadh dòigh tha atharrachadh deatamach agus fallain - tha dùbhlain ùra na chois. B' e an duilgheadas bu mhotha cuideigin a chur an àite Dhonaidh ann an 1997. 'S e an seinneadair aodann a' chòmhlain agus a' chiùil gu ìre mhòir, agus thug e ùine mhòr mus do lorg sinn mu dheireadh am fear ceart a chur an àite Dhonaidh. Mura biomaid air cuideigin, chan e a mhàin sònraichte ach 'ceart' a lorg, cha bhiomaid air cumail oirnn.
Ach tro na 36 bliadhna againn chan eil cus atharrachaidhean air a bhith sa bhallrachd.

C: An deach eachdraidh na Gàidhealtachd a theagasg dhut san sgoil? Ciamar a bha sin an coimeas ri fèin-fhiosrachadh do chloinne fhèin air a' chuspair?

F: Cha deach idir, agus nuair a sheallas mi air ais air na dh'fhiosraich mi de eachdraidh san sgoil tha e air a bhith na chùis-gearain agam riamh. Bu chòir do dhuine sam bith tòiseachadh le tuigse air na daoine agus na tachartasan a tha air am mìneachadh 's air an toirt gu far a bheil iad an-diugh. Cha deach aon mhìr de eachdraidh na Gàidhealtachd a theagasg dhuinn riamh, agus cha do dh'ionnsaich mi mu na h-amannan cudromach nam eachdraidh fhìn gus an do dh'fhàg mi an sgoil. Tha mi taingeil gu bheil cùisean air atharrachadh a-nis agus tha e air toileachas mòr a thoirt dhomh am fèin-fhiosrachadh gu tur eadar-dhealaichte aig mo chloinn fhìn fhaicinn tron bhun-sgoil agus tron àrd-sgoil le chèile.

C: Dè an aon tachartas nad bheachd-sa bu mhotha tha air cùrsa eachdraidh na Gàidhealtachd atharrachadh (airson math no olc)?

F: Tha mi creidsinn gur e Cùil Lodair a dh'fheumas a bhith ann, ach an dèidh sin, a' mhòmaid a thilg a' chiad bhoireannach a' chiad chlach no sgrath aig an àm ris an canar a-nis Blàr a' Chumhaing - b' e sin toiseach na sabaid air ais a thaobh dualchas.

C: Gu tric, a rèir choltais, nuair a dh'fhàgas òigridh na Gàidhealtachd an sgoil, tha cabhag orra an sgìre fhàgail cuideachd ach bidh tòrr a' tilleadh nuair a bhios an teaghlaichean fhèin aca. A bheil thu a' smaoineachadh gum feum thu astar a chur eadar thu fhèin 's do dhualchas greiseag ach an cuir thu luach ceart air?

F: Gu dearbh bha mi dhan bheachd sin agus b' e sin m' fhèin-fhiosrachadh fhìn, ach chan eil fhios agam an ann mar sin a tha a' chùis a-nis. Tha an saoghal gu math nas lugha a-nis - bidh sinn a' co-roinn tòrr bheachdan uile-choitcheann agus cothroman beatha, agus tha òigridh an là an-diugh gu math nas mothachaile air am fèineachd nan Gàidheil. Chì mi sin gu sònraichte le clann a th' air a dhol tro na Fèisean - tha e air moit agus misneachd a thoirt dhaibh nan dualchas agus tha e a cheart cho furasta dhaibh fuireach san sgìre air neo falbh gu saoghal nas fharsainge.

C: Mura biodh an còmhlan air a bhith cho soirbheachail, agus nan robh air a bhith agad ri obair 'àbhaisteach' fhaighinn, dè bhiodh tu air taghadh, agus an robh thu air a bhith ag iarraidh fuireach air Ghàidhealtachd agus an robh sin air a bhith comasach dhut?

F: Bha. Bha mi nam thidsear agus bha mi a' teagasg làn-ùine airson 3 bliadhna agus iomadach bliadhna rè tamaill fhad 's a bha sinn a' feuchainn ri Runrig a chur air stèidh. An dèidh dhomh an sgoil fhàgail thagh mi dreuchd ann an teagasg, airson nan dearbh adhbharan anns a' cheist - gum faighinn air tilleadh a dh'obair air Ghàidhealtachd.

C: Faisg air 30 bliadhna an dèidh do Recovery tighinn a-mach, càit a bheil thu a' faicinn coimhearsnachd Ghàidhlig na h-Alba a-nis agus san àm ri teachd?

F: Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn gu cinnteach air 'recovery' a dhèanamh. Cha deach ar gleidheil bho dhol a-mach à bith air dhòigh sam bith, agus bidh an-còmhnaidh strì ann san àm ri teachd, ach tha misneachd gu math nas motha agus inbhe gu math nas àirde aig coimhearsnachd na Gàidhlig a-nis na bha o chionn 30 bliadhna. Tha iomairtean mar Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, seirbheis craolaidh a tha a' leudachadh agus fàs nam Fèisean air a bhith air leth cudromach airson soirbheachadh a' chànain agus an dualchais gu lèir.

C: Dè cho tric 's a bhios tu a' cleachdadh Gàidhlig nad bheatha làitheil?

F: Cha bhi tric, a dh'innse na fìrinn. San dachaigh, chan eil Gàidhlig aig mo bhean 's tha sin a' cuingleachadh na cùis, ach tha an triùir chloinne agam air Gàidhlig a dhèanamh gu Àrd Ìre. Tha sin air adhbhar math a thoirt dhomh Gàidhlig a bhruidhinn riutha cho tric 's as urrainn dhomh.

C: A rèir choltais tha nas lugha de dh'òrain Ghàidhlig ann an gig Runrig na chleachd a bhith ann. An ann air sgàth 's mar a dh'atharraich na buill a tha seo air neo an e dìreach na th' ann de dh'òrain 's an ùine cho goirid?

F: Beagan dhen dà chuid. 'S e an aon laigse a thaobh 's gur e Brus an seinneadair, nach urrainnear cus a sheinn ann an Gàidhlig. Ach cha bhi cuirm no CD le Runrig ann a chaoidh anns nach bi Gàidhlig.

C: Tha tòrr de na h-òrain Bheurla ag obrachadh a cheart cho math sa Ghàidhlig - an e sin rud air a bheil thu mothachail 's tu gan sgrìobhadh air neo an e rud fo-mhothachail a th' ann bho bhith dà-chànanach?

F: Cha bhi sinn a' feuchainn ri mhìneachadh uair sam bith - saoilidh mi gu bheil amannan ann 's tu a' sgrìobhadh nuair a tha thu ann am modh Gàidhlig agus amannan eile ann am modh Beurla. A' mhòr-chuid dhen ùine ge-tà chan eil thu mothachail air diofar - tha e dìreach coltach ri dath ciùil eile no ionnsramaid ciùil eadar-dhealaichte 's iad uile a' cur ris an iomlanachd.

C: An ann a dh'aona-ghnothaich a tha na h-òrain nas poilitigiche agaibh air an clàradh sa Ghàidhlig? Tha mi a' smaoineachadh air òrain leithid Fichead Bliadhna agus Àrd.

F: A-rithist, chan ann - 's ann dìreach mar a thachair e gu nàdarra. Tha òrain eile ann a chanadh tu 's dòcha a tha poilitigeach, mar Recovery mar eisimpleir, a tha sa Bheurla.

C: An urrainn dhut iomradh a thoirt air mar a bhios tu a' sgrìobhadh òrain còmhla rid bhràthair? A bheil an obair ga roinn gu soilleir?

F: Chan eil reasapaidh no riaghailt air a chur a-mach. Bidh sinn le chèile ag obair nar n-aonar agus còmhla - cho fad 's as cuimhne leam tha sinn air a bhith a' dèanamh suaip air loidhnichean liric, loidhnichean ciùil agus beachdan. Sgrìobh sinn cuid de na cruinneachaidhean bu tràithe bho thoiseach, gar glasadh fhìn air falbh ann an Uibhist airson cola-deug gach uair agus tha e an-còmhnaidh inntinneach tòiseachadh le duilleag bhàn. Ach saoilidh mise nach eil na h-òrain as fheàrr a' tighinn bho shuidheachadh ciùil idir - faodaidh iad tighinn bho shuidheachadh beatha sam bith aig àm sam bith.

C: Dè as motha a tha gad bhrosnachadh nad sgrìobhadh?

F: Gach nì a tha timcheall ort, tha mi cinnteach, leis a bheil thu beò bho là gu là - gach nì mu bheil faireachdainn làidir agad - do thuras-beatha fhèin - dualchas na Gàidhlig - an sealladh-tìre - teaghlach - mothachadh air an spioradalachd.

C: An urrainn dhut iomradh a thoirt air a' bhuaidh a tha sealladh-tìre na Gàidhealtachd a' toirt air sgrìobhadh òrain?

F: Buaidh mhòr mhòr - do dhuine sam bith a rugadh air Ghàidhealtachd tha àite mòr aige nar beatha. Chan e dìreach bòidhchead nan cruthan, an dath agus an seòl, ach 's e meudachd an t-seallaidh-thìre a tha a' sìor-rèiteachadh meud agus mothachadh bàsmhorachd mac-an-duine air an taobh a-staigh dheth.

C: Dè an t-òran bu mhotha a dh'iarradh tu gum biodh cuimhne ort airson a sgrìobhadh?

F: An Ubhal As Àirde 's dòcha oir b' e a' chiad òran Gàidhlig a fhuair dhan Phrìomh 20. B' e nì sgoinneil fhèin a bh' ann ga ghabhail air Top of the Pops.

C: Dè bhios tu a' dèanamh airson fois a ghabhail?

F: Leis gur e tidsear PE a bh' annam, tha ùidh mhòr air a bhith agam riamh ann an spòrs agus bidh mi a' coimhead ball-coise agus iomain cho tric 's as urrainn dhomh - ach on a tha milleadh air mo ghlùin air stad a chur orm bho bhith ri spòrs tha mi air tòiseachadh air iasgach-slait. A bharrachd air sin nì obair sam bith nam 'bhoilersuit' a' chùis dhomh taghta.

C: Cò tha air an iPod/mp3 player agad an-dràsta?

F: Tha eagal orm gur mi luddite cho mòr 's a th' ann. Fhuair mi iPod mar phreusant Nollaig o chionn bliadhna no dhà, ach dh'fhalbh a' chlann leis. Nan toirinn leam e a dh'àite sam bith, chaillinn e. Ach nam faighnicheadh tu cò ris a tha mi ag èisteachd anns a' chàr an-dràsta, 's e Blàr Dùbhghlas agus Elbow a th' ann.

C: A bheil sealladh-tìre no àite ann as fheàrr leat?

F: Uibhist a Tuath agus gu sònraichte Clachan Shannda.

C: Dè an gig as fheàrr air a bheil cuimhne agad aig an robh thu a' cluich?

F: Cus airson àireamh no fiù 's cuimhne a chur orra a-nis, ach tha cuimhneachain air leth cùbhraidh agam air oidhche 'Big Top' ann am Beinn a' Bhaoghla, 1991. 'S e nì air leth togarrach a bh' ann dhuinn gum b' urrainn dhuinn an aon chuirm agus a dhèanamaid ann an talla-ciùil ann am mòr-bhaile sam bith a thoirt gu ar stairsnich fhìn.

C: A bheil seansa sam bith gum bi cuairt eile air a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan, coltach ri cuairt 'Big Top' 1991?

F: Tha an-còmhnaidh seansa gum bi, agus tha sinn air a bhith ag iarraidh riamh dòighean a lorg air cluich anns na h-eileanan. Saoilidh mi gu bheil Fèis Cheilteach Innse Gall air an t-amas sin a choileanadh a-nis gu ìre.

C: Tha eilthireachd bhon Ghàidhealtachd air a bhith tric na cuspair nur n-òrain. A bheil planaichean agaibh airson Bliadhna an Tighinn Dhachaigh?

F: Tha sinn a' cumail cuirm-ciùil mhòr a-muigh aig Caisteal Sgàin san Lùnastal agus ged nach bi sinn an sàs ann am prògram oifigeil an Tighinn Dhachaigh, 's e tighinn dhachaigh a bhios na chuspair don chuirm. Tha sinn an dòchas gur e tachartas sònraichte a bhios ann.

C: Dè an ath rud airson Runrig? A bheil àrd-amasan agaibh fhathast rin coileanadh?

F: Dìreach an ath òran. Bha sin fhèin gu leòr riamh airson ar cumail a' dol.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture