Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir o Chatriona Ròs (Rose), Caisteal Chill Rathaig gu Uilleam Bàillidh, Na h-Innseachan (India), duilleag 3
EXTERNAL ID
Z_GB232_D456_A_28_8_3
ÀITE
Inbhir Nis
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1813
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5012
KEYWORDS
Bàillidhean Dhùn Eathain
Catriona Ròs
Caisteal Chill Rathaig
Ròsan Chill Rathaig
Cruinneachadh a Tuath
Geamannan Gàidhealach
co-sgrìobhadh
litrichean
Letter from Katherine Rose, Kilravock Castle to William Baillie, India, page 3

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

Tha an sgrìobhainn seo o'n 29mh den Damhair 1813. 'S e litir o Chatriona Ròs (Rose) à Caisteal Chill Rathaig gu Uilleam Bàillidh, a bràthair ann am Bombay, a th' ann. Tha Catriona a' bruidhinn air iomadh cuspair, mar shlàinte a bràthar 's a peathar (Gilleasbaig is Anna), mun chlainn aice fhèin is mun Chruinneachadh a Tuath a bh' ann an Inbhir Nis o chionn ghoirid.

Chaidh Comann Cruinneachaidh a Tuath a stèidheachadh anns an Òg-mhìos 1788 gus tachartasan sòisealta mar fhèisean-dannsa, sealgan is co-fharpaisean phìobaireachd a chur air dòigh. Chaidh seòmraichean-coinneamh a thogail an aon ghnothaich ann an 1790, aig 14 Sràid na h-Eaglaise, Inbhir Nis. 'S e fèis-dannsa bhliadhnail a' Chomainn an t-àrd-thachartas 'sa mhìosachan shòisealta agus bhiodh buill den teaghlach rìoghail a' dol ann uaireannan.

Thug an Comann taic-airgid a chum Geamannan Gàidhealach a chumail ann an Dùn Eathain Crothaigh ann an 1823. Chaidh na geamannan seo an cumail gach bliadhna o 1837, agus an Comann a' togail Pàirc Cruinneachaidh a Tuath ann an Sràid Ard Rois, Inbhir Nis, mar àite far an deidheadh an tachartas a chumail

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir o Chatriona Ròs (Rose), Caisteal Chill Rathaig gu Uilleam Bàillidh, Na h-Innseachan (India), duilleag 3

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1810an

Bàillidhean Dhùn Eathain; Catriona Ròs; Caisteal Chill Rathaig; Ròsan Chill Rathaig; Cruinneachadh a Tuath; Geamannan Gàidhealach; co-sgrìobhadh; litrichean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers