Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir o'n Bhph. E Chaimbeul gu Iseabal Bhàillidh, a' bruidhinn air geamhradh fuar, duilleag 3
EXTERNAL ID
Z_GB232_D456_A_33_5_3
ÀITE
Inbhir Nis
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5026
KEYWORDS
Bàillidhean Dhùn Eathain
Tasglann na Gàidhealtachd
Iseabal Bhàillidh
còmhdhail
carbadan-eich
Fèill Reothaidh
sneachd
co-sgrìobhadh
litrichean
Letter from Mrs E Campbell to Isabella Baillie, on subject of cold winter, page 3

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

Tha an litir seo, gun cheann-là ris, on Bhph. E Chaimbeul gu Iseabal Bhàillidh. San litir tha A' Bhph. Chaimbeul a' bruidhinn air an turas fhada a bh' aig a nighean gu Dùn Eideann. Chaidh bacadh a chur oirre air an t-slighe le sneachd, gu sònraichte aig An Aghaidh Mhòr. Gu fortanach, bha spaidean anns a' charbad agus nuair a chaidh an stad anns an t-sneachd fhuair an carbadair is an neach-coimhid air an carbad a chladhadh a-mach.

'S cinnteach gu robh e uamhasach fuar air feadh na dùthcha, oir tha A' Bhph. Chaimbeul ag ràdh gun robh an Abhainn Thames reòta fad ghreis. 'S dòcha, a rèisd, gur e geamhradh 1813/14 a bh' ann, nuair a bha an reothadh a bu mhiosa san 19mh linn ann an Lunnainn. Bha an Thames reòta o'n 31mh den Fhaoilleach gu'n 5mh den Ghearran. Chaidh 'Fèill Reothaidh' a chumail air an deigh eadar Drochaid Lunnainn is Drochaid Blackfriars

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir o'n Bhph. E Chaimbeul gu Iseabal Bhàillidh, a' bruidhinn air geamhradh fuar, duilleag 3

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1810an

Bàillidhean Dhùn Eathain; Tasglann na Gàidhealtachd; Iseabal Bhàillidh; còmhdhail; carbadan-eich; Fèill Reothaidh; sneachd; co-sgrìobhadh; litrichean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers