- TIOTAL
- Litir o Iseabal 'ic Aonghais gu Anna Bhàillidh mu Fhloireans Nightingale, duilleag 1
- EXTERNAL ID
- Z_GB232_D456_A_47_49_1
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SGÌRE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- 1854
- LINN
- 1850an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 5032
- KEYWORDS
- Bàillidhean Dhùn Eathain
Tasglann na Gàidhealtachd
co-sgrìobhadh
litrichean
Scutari
Floireans Nightingale
Cogadh a' Chrimea
Anna Bhàillidh
banaltramachd

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.
Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.
Tha an sgrìobhainn seo o'n 21mh den Dùbhlachd 1854. 'S e seo litir o Iseabal NicAonghais à Inbhir Lìte, Dùn Eideann, gu piuthar a h-athar, Anna Bhàillidh. Tha Iseabal a' tòiseachadh le bhith a' faighneachd mu shlàinte Anna, is an uairsin a' bruidhinn air na tha buill eile den teaghlach a' dèanamh. Tha i ag ràdh gu bheil a nighean, Ceit, ann an Scutari, 'sa Chrimea, 'to assist Miss Nightingale attending the wounded'.
Chaidh Floireans Nightingale dhan Chrimea air an 21mh den Damhair 1854. Thug i leatha 38 boireannaich a bha ri banaltramachd agus is cinnteach gur e nighean na Mnph. NicAonghais, Ceit, tè dhiubh. Nuair a ràinig iad ospadal an taigh-feachd ann an Scutari, b' fheudar dha na mnathan-altraim an suidheachadh mì-fhallain a leasachadh. 'S e obair mhòr a bha sin. Cha robh ach aon duine a-mach à sianar a' bàsachadh le leòintean cogaidh - bha a' mhòr-chuid a' bàsachadh le galaran gabhaltach mar am fiabhras dubh, a' bhuinneach-mhòr is an sgàird. Anns an fhichead mìos a bha iad ann an Scutari, thug Floireans Nightingale is na mnathan-altraim aice an ìre bhàsalachd sìos bho bharrachd air 40% gu 2% a-mhàin