Ùrachadh mu Dheireadh 23/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir o Ùisdean Mac an Tòisich, Dùn Eathain, gu Anna Bhàillidh, Dùn Eideann, duilleag 2
EXTERNAL ID
Z_GB232_D456_A_50_17_2
ÀITE
Inbhir Nis
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1829
LINN
1820an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5055
KEYWORDS
Bàillidhean Dhùn Eathain
Tasglann na Gàidhealtachd
co-sgrìobhadh
litrichean
Anna Bhàillidh
bàtaichean-smùid
còmhdhail
Uilleam Bàillidh
Letter from Hugh MacIntosh, Dunain, to Anne Baillie, Edinburgh, page 2

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

Tha an sgrìobhainn seo o'n 20mh den Ghearran 1829. 'S e litir o Ùisdean Mac an Tòisich, Dùn Eathain gu Anna Bhàillidh, Dùn Eideann a th' ann. Tha Ùisdean a' bruidhinn air an turas tachartach a bh' aige a' dol dhachaigh à Dùn Eideann a dh' Inbhir Nis. Thug am bàta-smùid e cho fada ris A' Ghearasdan ach cha b' urrainn dha a dhol na b' fhaide oir bha an canàl tioram air sgàth gun robhas a' càradh geata uisge. Chum e air, uaireannan a' coiseachd, uaireannan ann am bàta, gus an d' ràinig e Oighreachd Dhùn Eathain mu dheireadh thall, còig là an dèidh dha Dùn Eideann fhàgail.

Tha Ùisdean a' bruidhinn air dol-a-mach Uilleim Bàillidh, bràthair Anna. Seach gun robh tinneas inntinn aig Uilleam, 's nach robh e comasach air a chùisean fhèin a rèiteachadh, bha rianachd na h-oighreachd an urra ri Anna

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir o Ùisdean Mac an Tòisich, Dùn Eathain, gu Anna Bhàillidh, Dùn Eideann, duilleag 2

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1820an

Bàillidhean Dhùn Eathain; Tasglann na Gàidhealtachd; co-sgrìobhadh; litrichean; Anna Bhàillidh; bàtaichean-smùid; còmhdhail; Uilleam Bàillidh

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers