Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir o Ealasaid Ròs, Caisteal Chill Rathaig, gu Iseabal Bhàillidh, Dùn Eideann, duilleag 1
EXTERNAL ID
Z_GB232_D456_A_59_8_1
ÀITE
Inbhir Nis
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1812
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5063
KEYWORDS
Bàillidhean Dhùn Eathain
Tasglann na Gàidhealtachd
co-sgrìobhadh
litrichean
Ealasaid Ròs
Caisteal Chill Rathaig
Ròsan Chill Rathaig
Iseabal Bhàillidh
Gilleasbaig Bàillidh
ionnlaideachd mara
Letter from Elizabeth Rose, Kilravock Castle, to Isabella Baillie, Edinburgh, page 1

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

Tha an sgrìobhainn seo o'n 4mh den Lùnasdal 1812. 'S e litir o Ealasaid Ròs (Rose), Caisteal Chill Rathaig gu Iseabal Bhàillidh, Dùn Eideann, a th' ann. Tha Ealasaid a' toirt seachad naidheachdan ionadail is fiosrachadh mun teaghlach dha Iseabal. Tha i a' toirt iomraidh air Gilleasbaig (mac Iseabail) a th' air a bhith tinn o chionn ghoirid. Tha e air a bhith ag ionnlaideachd anns a' mhuir mar phàirt den t-slànachadh aige.

Dh' fhàs ionnlaideachd is plubraich anns a' mhuir cumanta o dheireadh an 18mh linn. Bha daoine a' creidsinn gu robh uisge is gaoth na mara piseachail do dh' iomadh seòrsa tinneas is droch-shlàinte

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir o Ealasaid Ròs, Caisteal Chill Rathaig, gu Iseabal Bhàillidh, Dùn Eideann, duilleag 1

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1810an

Bàillidhean Dhùn Eathain; Tasglann na Gàidhealtachd; co-sgrìobhadh; litrichean; Ealasaid Ròs; Caisteal Chill Rathaig; Ròsan Chill Rathaig; Iseabal Bhàillidh; Gilleasbaig Bàillidh; ionnlaideachd mara

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers