Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir o Ùisdean Ròs (Rose), Caisteal Chill Rathaig gu Uilleam Bàillidh, Bombay, duilleag 1
EXTERNAL ID
Z_GB232_D456_A_61_6_1
ÀITE
Inbhir Nis
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1813
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5068
KEYWORDS
Bàillidhean Dhùn Eathain
Tasglann na Gàidhealtachd
Ùisdean Ròs
Ròsan Chill Rathaig
Uilleam Bàillidh
Bile Caitligeach
mailisidh
co-sgrìobhadh
litrichean
Letter from Hugh Rose, Kilravock Castle to William Baillie, Bombay, page 1

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

Tha an sgrìobhainn seo o'n 1mh den t-Samhainn 1813. 'S e litir o Ùisdean Ròs, Caisteal Chill Rathaig gu Uilleam Bàillidh, Bombay, a th' ann. 'B e Uilleam an 14mh Uachdaran Dhùn Eathain agus an duine mu dheireadh den loidhne-teaghlaich. Phòs Ùisdean Ròs Catriona Bhàillidh, piuthar Uilleim.

Bha Uilleam anns an arm thall-thairis nuair a chaidh seo a sgrìobhadh. Anns an litir, tha Ùisdean a' bruidhinn air mar a ghluais Uilleam o Bhaghdad gu Bombay o chionn ghoirid. Tha còir gum bi teachdaireachdan nas fheàrr à Bombay na bha iad à Baghdad agus tha Ùisdean ag inns' cho toilichte 'sa tha e mu dheidhinn sin.

Tha Ùisdean ag ràdh gun deach a thaghadh na Bhall-pàrlamaid Siorrachd Inbhir Nàrann. Am-measg chuspairean Pàrlamaid an là tha e a' toirt iomraidh air a' Bhile Chaitligeach. (Fhuair Caitligich cothrom bhòtaidh ann an taghaidhean 1793, ach chan fhaodadh iad a bhith nam Buill-pàrlamaid.)

A bharrachd air bruidhinn air naidheachd ionadail is teaghlaich, tha Ùisdean a' bruidhinn air a' mhailisidh ionadail a bh' air lùghdachadh ann an àireamh gu mòr. Chaidh a' mhailisidh a stèidheachadh aig deireadh an 18mh linn nuair a bha dùil ri ar-a-mach no cogadh leis an Fhraing, agus chuir na h-Albannaich air dòigh aonadan saor-thoileach is pàirt-ùine dhaibh-fhein. Mu dheireadh, cha robh an Riaghaltas cinnteach gun robh saor-thagraichean gu leòr is chruthaich iad mailisidh air feadh Alba ann an 1797. Leis an achd seo, b' fheudar dhan mhailisidh an dùthaich a dhìon nuair a bhiodh cunnart ann. Dh' fheumadh àireamh stèidhichte as gach siorrachd a bhith anns a' mhailisidh. Bha aig na saor-thagraichean ri treanadh a dhèanamh gach bliadhna is fhuair iad uile bunndaist airgid. Bha iad air an cur gu seirbhis gu math tric, gu sònraichte aig àm cogaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir o Ùisdean Ròs (Rose), Caisteal Chill Rathaig gu Uilleam Bàillidh, Bombay, duilleag 1

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1810an

Bàillidhean Dhùn Eathain; Tasglann na Gàidhealtachd; Ùisdean Ròs; Ròsan Chill Rathaig; Uilleam Bàillidh; Bile Caitligeach; mailisidh; co-sgrìobhadh; litrichean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers