Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Letter from Hugh Rose, Kilravock Castle to William Baillie, Bombay, page 2

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

Tha an sgrìobhainn seo o'n 1mh den t-Samhainn 1813. 'S e litir o Ùisdean Ròs (Rose), Caisteal Chill Rathaig gu Uilleam Bàillidh, Bombay a th' ann. (Phòs Ùisdean Ròs Catriona Bhàillidh, piuthar Uilleim.)

Anns an litir, tha Ùisdean a' bruidhinn air mar a ghluais Uilleam o Bhaghdad gu Bombay o chionn ghoirid. ('S e oifigear airm le Companaidh Taobh Sear Nan Innseachan a bh' ann an Uilleam.) Tha còir gum bi teachdaireachdan nas fheàrr à Bombay na bha iad à Baghdad agus tha Ùisdean ag ìnns' cho toilichte 'sa tha e mu dheidhinn sin.

Tha Ùisdean ag ràdh gun deach a thaghadh na Bhall-pàrlamaid Siorrachd Inbhir Nàrann. Am-measg chuspairean Pàrlamaid an là tha e a' toirt iomraidh air a' Bhile Chaitligeach. (Fhuair Caitligich cothrom bhòtaidh ann an taghaidhean 1793, ach chan fhaodadh iad a bhith nam Buill-pàrlamaid.)

A bharrachd air bruidhinn air naidheachd ionadail is teaghlaich, tha Ùisdean a' bruidhinn air a' mhailisidh ionadail a bh' air lùghdachadh ann an àireamh gu mòr. Chaidh a' mhailisidh a stèidheachadh aig deireadh an 18mh linn nuair a bha dùil ri ar-a-mach no cogadh leis an Fhraing, agus chuir na h-Albannaich air dòigh aonadan saor-thoileach is pàirt-ùine dhaibh-fhein. Mu dheireadh, cha robh an Riaghaltas cinnteach gun robh saor-thagraichean gu leòr is chruthaich iad mailisidh air feadh Alba ann an 1797. Leis an achd seo, b' fheudar dhan mhailisidh an dùthaich a dhìon nuair a bhiodh cunnart ann. Dh' fheumadh àireamh stèidhichte as gach siorrachd a bhith 'sa mhailisidh. Bha aig nan saor-thagraichean ri trèanadh a dhèanamh gach bliadhna is fhuair iad uile bunndaist airgid. Bha iad air an cur gu seirbhis gu math tric, gu sònraichte aig àm cogaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir o Ùisdean Ròs (Rose), Caisteal Chill Rathaig gu Uilleam Bàillidh, Bombay, duilleag 2

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1810an

Bàillidhean Dhùn Eathain; litrichean; Caisteal Chill Rathaig; Uilleam Bàillidh; Companaidh Taobh Sear Nan Innseachan; Teachdaireachdan; Bile Caitligeach; mailisidh; Ùisdean Ròs; Catriona Bhàillidh; Tasglann na Gàidhealtachd; uachdarain; co-sgrìobhadh

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers