Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cunntas co-cheangailte ri tìodhlaigeadh Ghilleasbaig Bàillidh, 1817
EXTERNAL ID
Z_GB232_D456_A_77_12
ÀITE
Dùn Eathain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1817
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5099
KEYWORDS
Bàillidhean Dhùn Eathain
Gilleasbaig Bàillidh
tìodhlaigidhean
Tasglann na Gàidhealtachd
uachdarain-fearainn
co-sgrìobhadh
litrichean
Statement of accounts relating to funeral of Archibald Baillie, 1817

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

Tha an sgrìobhainn seo a-measg chruinneachadh de chunntasan is chuidhteasan (receipts) mu thìodhlaigeadh Ghilleasbaig (Archy) Bàillidh, a bhàsaich ann an 1817. 'S e cunntas a th' ann a tha a' sealltainn na bha ri phàigheadh gu iomadh gnìomhachas ionadail aig an robh gnothach ris an tìodhlaigeadh. A-measg na fhuair iad, bha 7 pinntean uisge-beatha @ 6tas 6sg, aran o'n fhuineadair @ 11t 6s, agus 18tasd airson each fhaighinn air mhàl

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cunntas co-cheangailte ri tìodhlaigeadh Ghilleasbaig Bàillidh, 1817

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1810an

Bàillidhean Dhùn Eathain; Gilleasbaig Bàillidh; tìodhlaigidhean; Tasglann na Gàidhealtachd; uachdarain-fearainn; co-sgrìobhadh; litrichean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.<br /> <br /> Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.<br /> <br /> Tha an sgrìobhainn seo a-measg chruinneachadh de chunntasan is chuidhteasan (receipts) mu thìodhlaigeadh Ghilleasbaig (Archy) Bàillidh, a bhàsaich ann an 1817. 'S e cunntas a th' ann a tha a' sealltainn na bha ri phàigheadh gu iomadh gnìomhachas ionadail aig an robh gnothach ris an tìodhlaigeadh. A-measg na fhuair iad, bha 7 pinntean uisge-beatha @ 6tas 6sg, aran o'n fhuineadair @ 11t 6s, agus 18tasd airson each fhaighinn air mhàl