Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Statistical information on Loyal Inverness Fencible Regiment of Infantry, page 2

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

'S e seo clàr, gun cheann-là ris, le fiosrachadh mu Rèisimeid Coise Dhìleas Dìon-fheachd (Fencibles) Inbhir Nis, buidheann mhailisidh ionadail a bha fo smachd Chòirneil Iain Bàillidh an toiseach, a bha na oifigear airm ann an Companaidh Taobh Sear Nan Innseachan aig aon àm.

Tha na 10 'Companaidhean' a bh' anns an rèisimeid anns a' chlàr, 's tha e a' sealltainn cia às a thàinig na buill. 'S ann à Inbhir Nis a bha a' mhòr-chuid, ach tha pìos beag ann le fios air na h-àireamhan a thàinig as A' Chuimrigh, à Eirinn, à Sasainn is bho thall thairis.

Chaidh a' mhailisidh a stèidheachadh aig deireadh an 18mh linn nuair a bha dùil ri ar-a-mach no cogadh leis an Fhraing, agus chuir na h-Albannaich air dòigh aonadan saor-thoileach is pàirt-ùine dhaibh-fhein. Mu dheireadh, cha robh an Riaghaltas cinnteach gun robh saor-thagraichean gu leòr is chruthaich iad mailisidh air feadh Alba ann an 1797. Leis an achd seo, b' fheudar dhan mhailisidh an dùthaich a dhìon nuair a bhiodh cunnart ann. Dh' fheumadh àireamh stèidhichte as gach siorrachd a bhith 'sa mhailisidh. Bha aig nan saor-thagraichean ri trèanadh a dhèanamh gach bliadhna is fhuair iad uile bunndaist airgid. Bha iad air an cur gu seirbhis gu math tric, gu sònraichte aig àm cogaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fiosrachadh àireamhail mu Rèisimeid Coise Dhìleas Dìon-fheachd Inbhir Nis, duilleag 2

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1790an

Bàillidhean Dhùn Eathain; Còirneal Iain Bàillidh; mailisidh; dìon-fheachd; Dìon-fheachd Inbhir Nis; armachd; innealan-cogaidh; Companaidh Taobh Sear Nan Innseachan; Tasglann na Gàidhealtachd; co-sgrìobhadh; litrichean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers