Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fiosrachadh àireamhail mu Rèisimeid Coise Dhìleas Dìon-fheachd Inbhir Nis, duilleag 1
EXTERNAL ID
Z_GB232_D456_B_12_2_1
ÀITE
Dùn Eathain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1796
LINN
1790an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5108
KEYWORDS
Bàillidhean Dhùn Eathain
Còirneal Iain Bàillidh
mailisidh
dìon-fheachd
Dìon-fheachd Inbhir Nis
armachd
innealan-cogaidh
Companaidh Taobh Sear Nan Innseachan
Tasglann na Gàidhealtachd
co-sgrìobhadh
litrichean
Statistical information on Loyal Inverness Fencible Regiment of Infantry, page 1

'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.

Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.

Tha an sgrìobhainn seo o'n 27mh den Iuchair 1796. Tha iomadh pìos fiosrachaidh ann mu Rèisimeid Coise Dhìleas Dìon-fheachd Inbhir Nis, buidheann mailisidh ionadail fo smachd Chòirneil Iain Bàillidh aig an àm sin. Roimhe sin bha an Còirneal na oifigear airm ann an Companaidh Taobh Sear Nan Innseachan.

'S e clàr a th' anns a' chiad phàirt den sgrìobhainn, clàr a tha a' sealltainn innealan-cogaidh, àirneis is aodach a chaidh a thoirt o'n stòr rèisimeideach gu iomadh 'Companaidh' anns an rèisimeid. Tha picean, cairbean (fusees), crainn-tabhaill (slings), boineidean, claidhmhnean, cnotan ribein, fèilidhean is 'tommy hawks' a-measg na bh' ann.

'S e cunntas den stuth a th' anns an stòr a th' anns an dara chlàr, a' sealltainn far an deach gach nì a lìbhrigeadh agus cia mheud às gach seòrs' a bh' anns an stòr fhathast. Tha clàr nas lugha ann cuideachd de rudan a chaill na companaidhean.

Chaidh a' mhailisidh a stèidheachadh aig deireadh an 18mh linn nuair a bha dùil ri ar-a-mach no cogadh leis an Fhraing, agus chuir na h-Albannaich air dòigh aonadan saor-thoileach is pàirt-ùine dhaibh-fhein. Mu dheireadh, cha robh an Riaghaltas cinnteach gun robh saor-thagraichean gu leòr is chruthaich iad mailisidh air feadh Alba ann an 1797. Leis an achd seo, b' fheudar dhan mhailisidh an dùthaich a dhìon nuair a bhiodh cunnart ann. Dh' fheumadh àireamh stèidhichte as gach siorrachd a bhith 'sa mhailisidh. Bha aig nan saor-thagraichean ri trèanadh a dhèanamh gach bliadhna is fhuair iad uile bunndaist airgid. Bha iad air an cur gu seirbhis gu math tric, gu sònraichte aig àm cogaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fiosrachadh àireamhail mu Rèisimeid Coise Dhìleas Dìon-fheachd Inbhir Nis, duilleag 1

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1790an

Bàillidhean Dhùn Eathain; Còirneal Iain Bàillidh; mailisidh; dìon-fheachd; Dìon-fheachd Inbhir Nis; armachd; innealan-cogaidh; Companaidh Taobh Sear Nan Innseachan; Tasglann na Gàidhealtachd; co-sgrìobhadh; litrichean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Baillie of Dunain family papers