Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' cur sìos càball thar a' Chuain Shiar, Geàrrloch, 1961
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_0976
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
DEIT
1961
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
5139
KEYWORDS
conaltradh
càbaill
càballan conaltraidh
trafaig adhair
Laying the Transatlantic cable at Gairloch, 1961

San dealbh-chamara seo a chaidh a thogail ann an 1961 on tràigh ann an Geàrrloch chithear càball conaltraidh ga chur sìos a thèid thar a' Chuain Shiar. Aig muir chithear soitheach sònraichte airson càball a ghrunnachadh. Bhiodh an càball air a chuideamachadh 's an uair sin air a chur fodha.

Sa Ghearran 1959 chaidh innse gun deidheadh càball ùr conaltraidh a chur sìos thar a' Chuain Shiar eadar Alba is Canada, gu h-àraidh airson trafaig san adhar a stiùireadh agus airson conaltradh sgiathalaich eile. Chaidh a' chiad roinn den chàball, air an robh SCOTICE, a chàradh eadar Geàrrloch agus Vestmannaeyjar ann an Innis Tìl, taobh nan Eileanan Fàro. Bha an càball fo cho-shealbh agus air a cho-oibreachadh le Post Oifis Bhreatainn, an 'Great Northern Telegraph Company' agus an 'Danish Post and Telegraph Administration' agus chaidh fhosgladh san Fhaoilleach 1962.

Bha an dàrna roinn, air an robh ICECAN, a' ceangal Vestmannaeyjar le Corner Brook san Tìr Nuadh-lorgte, taobh Frederiksdal ann an Grìonlainn.

Chaidh mòran de dh'uimhir-comais a' chàbaill a leigeil air mhàl gu ùghdarrasan sìobhalta adhair nan 14 dùthaich aig an robh loidhnichean adhair nàiseanta ag itealaich thar a' Chuain Shiar.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' cur sìos càball thar a' Chuain Shiar, Geàrrloch, 1961

ROS: Geàrrloch

1960an

conaltradh; càbaill; càballan conaltraidh; trafaig adhair

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection