- TIOTAL
- Buidheann daoine taobh a-muigh Thaigh-òsta Stafainn
- EXTERNAL ID
- GAIRLOCHM_098
- ÀITE
- Stafainn
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Cille Mhoire
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
- AITHNEACHADH MAOINE
- 5150
- KEYWORDS
- inns
pubs
hotels

Chithear anns an dealbh seo buidheann fhear, bhoireannach agus chloinne nan seasamh taobh a-muigh Taigh-òsta Stafainn. Tha an togalach a-nis (an 2010) ri fhaighinn air màl mar àite-fuirich fèin-sholair.
Thogadh an taigh-òsta sna 1780an agus mar sin, tha e coltach gur e an taigh geal as sine an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. Dh'aithnichiste taighean nan Eileanan Siar mar thaighean dubha. Bha iad seo nan togalaichean aon-stòraidh anns am biodh an dà chuid daoine agus beathaichean a' fuireach ann, gun shimilear ann. Mar a dh'atharraich dòighean togail, chaidh taighean geala a chantainn ris na taighean ùra anns an robh ballachan singilte, uinneagan a dh'fosgladh, mullaichean tearra agus similearan.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum