Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Urchardain (Caisteal na Sròine)
EXTERNAL ID
AB_URQUHART_10
ÀITE
Druim na Drochaid
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Am Baile
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
522
KEYWORDS
castles
fortresses
tourist sites
kings of Scotland
Wars of Independence
Lordship of the Isles
Urquhart Castle

'S e Caisteal Urchardain tobhta daingneach air rubha os cionn Loch Nis, 2.7km an ear thuath air Druim na Drochaid.

Tha fianais arc-eòlais a' sealltainn gun robh daoine a' fuireach ann agus ga neartachadh o Linn an Iarainn. Ann an 1229 chaidh tighearnas Urchardain a thoirt do Shiorram Inbhir Nis, Tòmas Durward, le Alasdair lll. Tha a h-uile coltas gur e Tòmas air neo a mhac Ailean a thog caisteal den t-seòrsa 'motte-and-bailey' air an làraich.

Dh'atharraich sealbh air a' chaisteal grunn thurais aig àm a' chiad Chogaidh Neo-eisimeileach. Anmoch sa 14mh linn, chaidh obair mhòr ath-thogail a dhèanamh air a' chaisteal. Ann an 1482 fhuair Iain Grannd de Freuchie fearann Urchardain air mhàl agus chaidh ath-thogail a dhèanamh air a-rithist. Sa 15mh is san t-16mh linn, chaidh grunn ionnsaighean a dhèanamh air a' chaisteal 's air an sgìre mu thimcheall le na Dòmhnallaich, Tighearnan nan Eilean, agus ghabh Sir Dòmhnall MacDhòmhnaill Loch Aillse sealbh mì-laghail air a' chaisteal eadar 1513 is1516.

Ann an 1644 chaidh an caisteal a chreachadh le arm nan Cùmhnantach, agus chaidh a chàradh ann an 1676. Ann an 1689, nuair a chaill Seumas Vll a chathair rìoghail agus a chaidh Uilleam à Orange a chur na àite, rinn gearastan a bha dìleas do dh'Uilleam sprèadhadh air taigh-geata Chaisteal Urchardain gus nach fhaigheadh na Seumasaich e mar dhaingneach dhaibh fhèin. Ged a dh'aontaich a' Phàrlamaid gum pàigheadh iad airgead-dìolaidh do Mhorair Grannd airson an dochainn, tha e coltach nach deach càradh sam bith a dhèanamh air às dèidh na h-ionnsaigh seo. Tha fianais ann o 1708 gun robh na daoine san sgìre a' creachadh a' chaisteil, agus ann an 1715, thuit balla sìos on tùr gu tuath.

Chaidh an caisteal a chleachdadh mar chuaraidh gus an d'fhuair an Riaghaltas sealbh air ann an 1912. Tha e an-diugh fo smachd Alba Eachdraidheil

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Urchardain (Caisteal na Sròine)

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

2000an

castles; fortresses; tourist sites; kings of Scotland; Wars of Independence; Lordship of the Isles