Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Kerrisdale Bridge near Gairloch

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Drochaid a' Chathair Bhig, faisg air Geàrrloch.

Tha an drochaid seo air Abhainn Kerry, far a bheil an rathad a' coinneachadh ris a' phrìomh rathad a Gheàrrloch. Tha an rathad singilte gu Bad a' Chròtha agus na bailtean beaga eile air cladach a deas Loch Gheàrrloch a' dol thairis air an drochaid. Tha an rathad a' crìochnachadh aig baile uaigneach, An Rubha Dearg, far a bheil traigh snog de ghainmheach seòrsa dearg agus far a bheil seallaidhean àlainn don Eilean Sgitheanach.

'S e A' Chathair Bheag an seann ainm Gàidhlig airson Kerrysdale a tha a' ciallachadh sìdhean beag. 'S ann às an t-seann chànan Lochlannach a tha an t-ainm 'Kerry' a tha a' ciallachadh frìth-choille.

Tha an Abhainn Kerry a' sruthadh a-mach à Loch na h-Oidhche dìreach thairis air trì mìle gu Loch Gheàrrloch air Taobh Siar Rois. Tha a' chuid as àirde den abhainn a' ruith tro chlais mhòir dhomhainn agus anns na 1950an chaidh stèisean cumhachd-uisge beag uisge a thogail air an abhainn a bhiodh a' cleachdadh uisge à Easan Kerry. An toiseach thug e dealan don choimhearsnachd ach a-nis tha e na phàirt den Ghriod Nàiseanta.

Chaidh a thogail leis an neach-gnìomhachais Uilleam Logan (1913-1966) a bha na cheannard air a' chompanaidh-thogail Duncan Logan Earranta às a' Bhlàr Dhubh a tha ainmeil mar luchd-togail Drochaid Thatha. Stèidhich Uilleam Logan Loganair ann an 1962. Bhon a thòisich e mar thagsaidh adhair airson a' chompanaidh, tha e air fàs gu bhith na chompanaidh phlèanaichean agus an-diugh bidh e ag obair taobh a-staigh na h-Alba agus eadar eileanan. Chaidh Uilleam Logan a mharbhadh anns an Fhaoilleach 1966 nuair a bhuail am plèana anns an robh e leis fhèin air Cnoc Dhùn Eain faisg air Inbhir Nis.

Tha a' chuid as ìsle den Abhainn Kerry na dachaigh don chruinneachadh as fallaine de na feusgain neamhaideach fìor-uisge ann am Breatainn agus 's e aon de na h-àitichean as cudromaiche airson an fheusgain shònraichte seo a tha fo chunnart anns an Roinn Eòrpa. Mar thoradh air an sin, chaidh Abhainn Kerry ainmeachadh mar Làrach de Shuim Shaidheansail Shònraichte agus mar Sgìre Shònraichte airson Glèidhteachas. Tha feusgain neamhaidneach fìor-uisge air an dìon ann am Breatainn fo Achd na Dùthcha agus nam Beathaichean 1981.

Chaidh Taigh A' Chathair Bhig, a tha ri fhaicinn anns a' chùl, a thogail mar thaigh thuathanais le Teaghlach MhicCoinnich à Geàrrloch ann an 1793.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid A' Chathair Bhig, faisg air Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

cairtean-puist; Kerry; aibhnichean; drochaidean; Bad a' Chròtha; An Rubha Dearg; Loch na h-Oidhche; dealan-uisge; stèisean-cumhachd; Uilleam Logan; companaidh-pleanaichean; Loganair; Drochaid Tatha; tubaistean-pleana; Dùn Eain; neamhnaidea

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection