Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbh de Thòmas Telford
EXTERNAL ID
AB_WICK_ART_01
ÀITE
Inbhir Ùige
SGÌRE
Gallaibh an Ear
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
528
KEYWORDS
dealbh neach
Painting of Thomas Telford

Lorgar an dealbh seo de Thòmas Telford ann an Talla Baile Inbhir Ùige.

Rugadh Tòmas Telford air 9 Lùnastal 1857, mac Iain Telford, cìobair ann an Siorrachd Dhùn Phrìs.Thòisich e ag obair mar chlachair anns na Crìochan an toiseach agus an uair sin ann an Dùn Èideann far an do chuir e seachad an t-àm saor aige ga ionnsachadh fhèin an dealbhadaireachd agus ailtireachd.

Chaidh Telford a Lunnainn far an do dh'obraich e air Somerset House. Sin far an do ghlac e aire Uilleam Pultney.

B' esan neach-stiùiridh Comann Iasgaich Bhreatainn agus 's ann troimhe a thàinig càirdeas eadar an Comann agus Telford, rud a mhair fad a bheatha.Thug Telford seachad comhairle air leasachadh mòran chalaidhean air ceann a tuath na h-Alba, agus thàinig e gu bhithth an sàs ann an obair-sgrùdaidh an riaghaltais air a' Ghàidhealtachd, mar thoradh air an obair seo. Thàinig seo gu ceann le coimisean ga chur air dòigh ann an 1803 airson rathaidean is drochaidean a thogail, a bharrachd air Slighe-uisge na h-Alba, le Telford na phrìomh neach-tomhais na h-obrach.

Thug Telford comhairle seachad air obair-togail shlighean-uisge ann an ceàrnaidhean eile dhen t-saoghal, le Slighe-uisge Gotha anns an t-Suain agus Slighe-uisge Panama nam measg.

Rinn Telford obair dealbhachaidh air mìltean de dhrochaidean-cloiche. 'S i an Drochaid Dean ann an Dùn Èideann tè dhe na drochaidean as tarraingiche dhiubh. Chaidh e air adhart gu bhithth an sàs ann an obair leasachaidh dhrochaidean iarann-obraichte, nam measg drochaid ghrinn Chreag Eileachaidh an Srath Spè, agus an drochaid crochaidh ainmeil tarsainn Caolas Mhenai eadar eilean Anglesey agus tìr-mòr na Cuimrigh.

Chaidh comhairle a ghabhail bho Thelford air grunn phròiseactan rèile, amair uisge agus solarachaidhean uisge. Eadar 1823 agus 1830 chùm e stiùir ri dealbhadh agus obair-togail eaglaisean agus mansaichean dha Eaglais na h-Alba.

Chaochail Tòmas Telford air 2 Sultain 1834. Chaidh a thiodhlacadh ann an Abaid Westminster

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbh de Thòmas Telford

GALLAIBH: Inbhir Ùige

dealbh neach

Am Baile

Wick Public Building Art