Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Còir-sgrìobhte Bhaile Malairt Rìoghail Inbhir Ùige
EXTERNAL ID
AB_WICK_ART_02
ÀITE
Inbhir Ùige
SGÌRE
Gallaibh an Ear
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
DEIT
1589
LINN
1580an
CRUTHADAIR
A.J. Paterson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
529
KEYWORDS
Charter of the Royal Burgh of Wick

Tha an lethbhreac seo de Chòir-sgrìobhte Baile Malairt Rìoghail Inbhir Ùige 1589 ann an Talla Baile Inbhir Ùige. Chaidh a chlò-bhualadh le fear A.J. Paterson, Talla na Pàrlamaid, Inbhir Ùige, anns a' Ghiblean 1972.

Bha am baile malairt rìoghail na sheòrsa de bhaile malairt Albannach a bha air a stèidheachadh le, air neo fhuair e a-rithist, còir-sgrìobhte rìoghail. 'S ged a chaidh cur às dhiubh ann an 1975, thathas a fhathast a' cleachdadh an ainm ann am mòran sheann bhailtean malairt.

B' e puirt-mhara a bh' anns a'chuid bu mhotha de bhailtean malairt rìoghail, agus bha gach aon ac' air an cruthachadh leis a' chrùn, air neo air an leasachadh bho inbhe eile, leithid baile-malairt ridireachd. Mar a dh'èirich roinn ùr fa leth de bhailtean malairt, choisinn na bailtean-malairt rìoghail - a bha bho thùs sònraichte leis is gun robh iad air fearainn rìoghail - am malairt thall thairis air fad.

Bha còir-sgrìobhte bhaile-malairt, mar a chithear an seo, na sgrìobhainn cudromach dha bailtean malairt, is iad a' cruthachadh a' bhaile-malairt agus a' dearbhadh chòirichean a' bhaile-mhalairt mar a chaidh an cur a-mach (gu briathrail, 's dòcha) le seann mhonarc. Bha na bailtean-malairt rìoghail uile air an riochdachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba agus b' urrainn dhaibh bàillidhean a chur an dreuchd le cumhachdan fad is farsaing ann an ceartas catharra is eucorach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Còir-sgrìobhte Bhaile Malairt Rìoghail Inbhir Ùige

GALLAIBH: Inbhir Ùige

1580an

Am Baile

Wick Public Building Art