Ùrachadh mu Dheireadh 23/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eas Chearraidh, Geàrrloch
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_190A
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
5313
KEYWORDS
easan
Kerry Waterfall, Gairloch

Dealbh camara de dh'Eas Chearraidh, air Abhainn Chearraidh, abhainn anns a bheil 3 mìle a dh'fhad suidhichte eadar Lach Ma-Ruibhe agus Geàrrloch.

Tha Abhainn Chearraid, bhon t-seann Lochlannais airson 'frìth-choille', a' sruthadh beagan is trì mìle bho Loch na h- Oidhche do Loch Gheàrrloch ann an Taobh Siar Rois. Tha ceann shuas na h-aibhne a' sruthadh tro chlais mhòr dhomhainn agus anns na 1950an, chaidh stèisean cumhachd dealan-uisge a thogail air an abhainn, a' cleachdadh cumhachd Eas Chearraidh. Chruthaich e dealan don choimhearsnachd an toiseach ach tha e a-nis mar phàirt den lìonradh dealain nàiseanta. Mar thoradh air seo, tha sruth an easa air a dhol an lughad gu mòr bho chaidh an dealbh seo a thogail.

B' e Uilleam Logan (1913-1966) cunnradair pròiseact stèisean cumhachd Eas Chearraidh. B' esan ceannard na companaidh togail Duncan Logan Earr. Às a' Bhlàr Dhubh, a tha ainmeil mar chunnradairean Drochaid Thatha. Stèidhich Uilleam Logan a' chompanaidh Loganair ann an 1962. Thòisich i mar sheirbheis tagsaidh adhair eadar eileanan ach choisinn i cliù mar loidhne adhair na h-Alba agus tha i a-nis a' frithealadh lìonradh de shlighean air tìr-mòr agus eadar eileanan. Chaidh Uilleam Logan a mharbhadh san Fhaoilleach 1966 nuair a thuit itealan air an robh e a' siubhal gu talamh air Dùn Eun faisg air Inbhir Nis.

Tha fear de na co-chruinneachaidhean as lìonmhoire de mhadaidhean-uisge anns an Rìoghachd Aonaichte aig ceann shìos Abhainn Chearraidh agus tha e air fear de na h-àiteachan as pailte sa bheil an gnè bheathaichean seo, a tha an dà chuid tearc agus ann an cunnart. Mar thoradh air seo, thathar air inbhe mar Làrach Annasach a-thaobh Eòlaidheachd agus mar Ionad Sònraichte Glèidhteachais a thoirt do dh'Abhainn Chearraidh. Tha dìon aig madaidhean-uisge anns an Rioghachd Aonaichte fo Achd Fiadh-bheatha is Sgìrean Dùthchail 1981. Tha an abhainn ainmeil cuideachd airson iasgach nam bànag is a' bhradain.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eas Chearraidh, Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

easan

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection