Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seumas Bremner Esq. à Inbhir Ùige
EXTERNAL ID
AB_WICK_ART_07
ÀITE
Inbhir Ùige
SGÌRE
Gallaibh an Ear
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
533
KEYWORDS
dealbh neach
James Bremner Esq. of Wick

Chaidh an dealbh seo de Sheumas Bremner Esq à Inbhir Ùige, a thoirt seachad do bhaile Inbhir Ùige le dubh-ogha Sheumais Bhremner, Liverpool. Lorgar e ann an Talla Baile Inbhir Ùige.

Bha Seumas Bremner (25 Sultain 1784 - Lùnastal 1856) na Albannach iomraiteach is e na ailtire cabhlachail is neach-togail chalaidhean.

Rugadh Seumas, am fear a b' òige de naoinear chloinne le Seònaid Seumas Bremner, ann an Stain, faisg air Cèis, Gallaibh.

Is e 14 bliadhna a dh'aois, thug e a-mach foghlam-ciùird sia bliadhna aig companaidh togail-shoithichean Mhaighstearan Steele à Grianaig. An dèidh dha crìoch a chur air an fhoghlam-chiùird thill e a dh' Inbhir Ùige agus thòisich e gnìomhachas togail-shoithichean ann an Sgìre Phultneytown, faisg air Cala Inbhir Ùige, far an do thog e 56 soithichean no barrachd, is iad eadar 45 tunna is 600 tunna ann am meud. Aig an àm seo, bha e cuideachd air mòran cliù a chosnadh air feadh Bhreatainn airson a' chuid sgilean ann a bhith a' sàbhaladh shoithichean a bha air a dhol fodha air neo a bh' air an trèigsinn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seumas Bremner Esq. à Inbhir Ùige

GALLAIBH: Inbhir Ùige

dealbh neach

Am Baile

Wick Public Building Art