Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sir Iain Pender, Ball Pàrlamaid Bhorghan Inbhir Ùige
EXTERNAL ID
AB_WICK_ART_09
ÀITE
Inbhir Ùige
SGÌRE
Gallaibh an Ear
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
CRUTHADAIR
Sir Hubert Von Herkomer
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
535
KEYWORDS
dealbh neach
Sir John Pender MP for Wick Burghs

Tha an dealbh seo de dh'fhear Sir Iain Pender, Ball Pàrlamaid Bhorghan Inbhir Ùige, ann an Talla Baile Inbhir Ùige. Rinneadh le Sir Hubert Von Herkomer e.

Dh'èirich Sir Iain Pender (1815-1896) gu bhith na neach-stiùiridh aig an Atlantic Telegraph Company agus ann an 1864 thòisich e fhèin an Telegraph Construction and Maintenance Company (Telcon). An ath-bhliadhna a-rithist chaidh a thaghadh mar Bhall Pàrlamaid Libearalach airson Totnes, Devon. Bha e na cho-stèidheadair den Anglo-American Telegraph Company airson cur sìos càball ùr air grunnd a' Chuain Shiar.

Ann an 1869, 's e an companaidh aigesan, am British Indian Submarine Telegraph Company, a chuir an càball gu lèir air grunnd na mara gu ruige nan Innseachan, agus chruthaich e ann an 1872 an Eastern Telegraph Company, is chaidh a thaghadh mar Bhall Pàrlamaid Bhorghan Inbhir Ùige mus do chaill e ann an 1885. B' e Ball Pàrlamaid Bhorghan Inbhir Ùige a-rithist eadar 1892-1896.

Rugadh Sir Hubert von Herkomer, am peantair Breatannach, (26 Cèitean 1849 - 31 Màrt 1914), a bha cuideachd na stiùireadair-film is na sgrìobhaiche-ciùil, ann an Waal, Bavaria. Dh'fhàg athair, Lorenz Herkomer, fear a bha air leth comasach air snaidheadh fiodha, Bavaria ann an 1851 còmhla ri mhnaoi agus am pàiste aca airson a dhol a dh'fhuireach sna Stàitean Aonaichte, ann an Cleveland, Ohio, ach thill iad don Roinn Eòrpa agus ghabh iad còmhnaidh ann an Southhampton ann an 1857

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sir Iain Pender, Ball Pàrlamaid Bhorghan Inbhir Ùige

GALLAIBH: Inbhir Ùige

dealbh neach

Am Baile

Wick Public Building Art