Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbh Sir Iain Mac na Ceàrdaich à Ulbastair
EXTERNAL ID
AB_WICK_ART_12
ÀITE
Inbhir Ùige
SGÌRE
Gallaibh an Ear
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
CRUTHADAIR
Benjamin West
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
538
KEYWORDS
dealbh neach
Painting of Sir John Sinclair of Ulbster

Lorgar an dealbh seo de Sir Iain Mac na Ceàrdaich à Ulbastair le Benjamin West ann an Talla Baile Inbhir Ùige.

B' e neach-fearainn, fear-poilitigs, leasaichear tràth, tuathanach, àireamhair agus tosgaire airson na dùthcha aige a bh' ann an Sir Iain Mac na Ceàrdaich, Ulbastair (1754-1835). Rugadh e ann an Caisteal Inbhir Theòrsa do mheur de dh' Iarlan Mhic na Ceàrdaich Ghallaibh, agus chaidh e air adhart gu oilthighean Dhùn Èideann agus Àth nan Damh, mus do leigeadh a-steach e gu Dàimh an Luchd-tagraidh. Chaidh a thaghadh mar Bhall Pàrlamaid Ghallaibh ann an 1780, agus bha e ann an Taigh nan Cumantan cha mhòr gun stad gu 1811.

B' e Sir Iain a' chiad cheann-suidhe air Bòrd an Àiteachais, agus stèidhich e comann gus leasachadh a thoirt air clòimh Bhreatannach. Ann an 1805, chaidh a chur an dreuchd mar choimiseanair airson drochaidean agus rathaidean a thogail an ceann a tuath Alba. Stiùir e cuideachd co-chruinneachadh a' chiad Chunntais Àireamhail an Alba (1791-1799).

Bha Benjamin West (Dàmhair 10, 1738 - Màrt 11, 1820) na pheantair Sasannach-Ameireaganach de sheallaidhean eachdraidheil mu thimcheall air agus às dèidh Cogadh Saorsa Aimeireaga. B' e an dara ceann-suidhe den Acadamaidh Rìoghail is e anns an dreuchd bho 1792 gu 1805 is bho 1806 gu 1820

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbh Sir Iain Mac na Ceàrdaich à Ulbastair

GALLAIBH: Inbhir Ùige

dealbh neach

Am Baile

Wick Public Building Art