Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fosgladh Carragh-cuimhne Eachainn MhicDhòmhnaill, Inbhir Pheofharain
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_268
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
DEIT
23 An Cèitean 1907
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
5386
KEYWORDS
carraighean-cuimhne
clachan-cuimhne
saighdearan
saighdearan ainmeil
tùir
tùran
Opening of the Hector MacDonald Memorial, Dingwall

Dealbh-camara, air a thogail an 1907, den fhosgladh aig Carragh-cuimhne Eachainn MhicDhòmhnaill ann an Inbhir Pheofharain. Tha W H MacDhòmhnaill a' bruidhinn ris an luchd-èisteachd.

Chaidh an tùr-cuimhne a dhealbhadh leis an ailtire Seumas Sandford Kay. Chaidh a' chlach-stèidh a chur sìos an 25mh Sultain 1905 agus chaidh fhosgladh, am measg fìor ghnàthachas, Diardaoin 23mh Cèitein 1907.

Rugadh Eachann Gilleasbaig (Hector Archibald) MacDhòmhnaill san Eilean Dubh ann an 1853. B' e mac croiteir, Uilleam MacDhòmhnaill, a bh' ann agus rinn e obair mar ghille stàbaill agus an uair sin na fhear-cuideachaidh aig bùth-aodaich ann an Inbhir Pheofharain mus deach e a-steach do Ghàidheil Ghòrdain mar shaighdear aig ìre prìobhaid.

Sa chiad bhliadhna ann an India fhuair e a' chiad àrdachadh, gu sàirdseant na drile, tro eòlas air leabhar na drile. Ann an 1874 bha e air ruighinn gu ìre sàirdseant nam bratach. Fhuair e a' chiad moladh ann an iomraidhean nuair a stiùir e buidheann ionnsaigh ann an Afghanastan, agus chaidh taing a thoirt dha gu pearsanta on Mhorair Roberts.

San aona bhliadhna fhuair e an cothrom taghadh eadar Crois Bhictoria no coimisean gu àrd-ìre. Thagh e àrdachadh ìre. Ann an 1881 's e Ciad Leifteanant a bh' ann agus chaidh a chur an uair sin gu Afraga a Deas far an deach e a-rithist a mholadh ann an iomraidhean.

An dèidh dha tilleadh a Shasainn chuir e a sheirbheisean air adhart gu saor-thoileach a dhol dhan t-Sudan agus rinn e seirbheis leis an arm Èipheiteach, far an d' fhuair e àrdachadh gu caiptean. Chaidh a mholadh ann an iomraidhean eile agus fhuair e D.S.O. airson giùlan a bha treun agus cliùiteach. Choisinn e am far-ainm "Fighting Mac" agus àrdachadh gu Màidsear. B' ann ann an Omduran ann an 1898 a ràinig a chomas àirde. Nuair a chaidh ionnsaigh a dhèanamh air fhèin 's air a shaighdearan le 10,000 ann am feachd Dervish, cha b' ann a-mhàin gun do sheas iad gu daingeann nan aghaidh ach chuir iad air ais iad. Chaidh srath Abhainn Nìl a ghabhail leis na Breatannaich, chaidh na feachdan Dervish am marbhadh agus fhuair iad dìoghaltas air murt an t-Seanalair Gòrdan ann an Khartoum. Thill MacDhòmhnaill a Bhreatainn gu fàilte a' ghaisgich. Chaidh a dhèanamh na chòirneal 'brevet' agus fear-cuideachaidh-campa aig a' Bhanrigh Bhictoria, agus fhuair e àrdachadh gu Briogadair-Seanalair .

Rinn Mac Dhòmhnaill seirbheis a-rithist ann an India agus chaidh an uair sin a ghairm air ais gu Afraga a Deas ach am biodh e na cheannard aig a' Bhragàd Ghàidhealach. Ghabh e pàirt ann an gnìomh aig lag Brandwater far an do ghèill 4000 Boer san Iuchar 1900. Fhuair e moladh aon turas eile ann an iomraidhean. Bhuilich an Rìgh air MacDhòmhnaill an t-urram 'Knight Commander of the Bath' agus chaidh àrdachadh gu Màidsear-Seanalair.

Thainig dreuchd fìor-chliùiteach agus iongantach aig gaisgeach nàiseanta gu crìch madainn am 25mh Màirt 1903. Nuair a bha e aig seirbheis ann an Ceylon, chaidh droch chasaidean fearas-feise a chur air. Chaidh a chur air fòrladh a Shasainn agus bha e a' tilleadh gu Ceylon taobh Paris san Fhraing ach an deigheadh e mu choinneamh cùirt airm. San taigh-òsta leugh e aithisg san New York Times a bha ag innse mu na casaidean na aghaidh, agus ann an dubh-dhòrainn chaidh e dha sheòmar agus chuir e às dha fhèin le gunna.

B' ann nuair a bhàsaich e a nochd e gun robh bean agus mac aige. Chuir a bhantrach air dòigh gum biodh e air a thiodhlacadh gu dìomhair aig sia sa mhadainn Diluain an 30mh Màrt ann an Cladh Dean ann an Dùn Èideann.

Ghabh am mòr-shluagh oillt aig na casaidean a chaidh a chur air agus cuideachd aig an dòigh anns an deach a thòrradh. A' chiad Shàbaid an dèidh an tiodhlacaidh thàinig sluagh de 30,000 a thadhal air uaigh. Sheas daoine ann an sreath fad trì uairean a thìde ach an toireadh iad urram dha agus bha a leithid de shìtheanan ann gun do dhiùlt fear-cùraim a' chlaidh an còrr dhiubh a thoirt a-steach. Bha mòran den bheachd gun do dh'fhuiling MacDhòmhnaill tro dhochann chlaon-bhreith, nach robh 'clas' aige. Chaidh na fàthan mun cuairt agus fiù 's an-diugh tha iomadh ceist ann nach deach freagairt mun bhàs chianail aig saighdear calma a bha gun samhail san dòigh anns an do dh'èirich e tro ìrean an airm.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fosgladh Carragh-cuimhne Eachainn MhicDhòmhnaill, Inbhir Pheofharain

ROS: Inbhir Pheofharain

1900an

carraighean-cuimhne; clachan-cuimhne; saighdearan; saighdearan ainmeil; tùir; tùran

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection