Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Port an t-Sròim agus an Taigh-òsta bhon chala
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_271
ÀITE
Port an t-Sròim
SGÌRE
Taobh an Iat Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
5392
KEYWORDS
tuineachaidhean oirthireach
taighean-òsta
calaidhean
Port an t-Sròim
Strome Ferry and Hotel from harbour

Dealbh camara de Phort an t-Sròim agus Taigh-òsta Phort an t-Sròim, air bruaichean Loch Carrann, a chaidh a thogail bhon chala.

Chaidh Taigh-òsta Phort am t-Sròim a dhealbhachadh le Alasdair Ros, agus chaidh a thogail mu 1872, le atharraichean ann an 1882. Bha e ann an deagh àite do luchd-turais a thigeadh air an trèana no air an aiseag, oir bha e faisg air stèisean Port an t-Sròim agus air an t-seann chidhe aig an t-seirbheis aiseig a bh' ann aig an àm. Chaidh an togalach a dhroch mhilleadh ann an teine anns na 1990an, ach thathar a-nis ga chur air dòigh.

Tha Port an t-Sròim tarsainn a' chaolais bho Shròm a Tuath, rubha a tha dol a-mach ann an Loch Carrann, a' dealachadh an loch àird bhon loch ìseil, agus 's e deagh àite a th' ann gus a dhol tarsainn. Tha tobhta Caisteal an t-Sròim mu choinneamh a' bhaile ann an Sròm a Tuath, air taobh thall an loch.

Dh'fhàs am baile beag a bh' ann o thùs gu luath, nuair a thogadh Rèile Inbhir Pheofharain agus an t-Eilean Sgitheanach de Rèile na Gàidhealtachd ann an 1870, le Port an t-Sròim mar cheann-uidhe. Dh'fhàs am baile trang, le seirbheisean aiseig gu cunbhalach dhan Eilean Sgitheanach, Leòdhas agus bailtean beaga air tìr-mòr a' coinneachadh nan trèanaichean. Bhathar a' cleachdadh nan seirbheisean leasaichte cuideachd gus am posta, iasg agus crodh a tharraing agus cho-dhùin companaidh an rèile gum biodh trèanaichean ann air Latha na Sàbaid. Chuir seo sàr dhragh air muinntir an àite, a bha an aghaidh a bhith ag obair air Latha na Sàbaid, agus dh'adhbhraich an suidheachadh Aimhreit Phort an t-Sròim ann an 1883.

Ann an 1897, leudaicheadh an rèile bho Phort an t-Sròim gu Caol Loch Aillse. Ghluais mòran dhen chòmhdhail dhan Chaol agus chrìon inbhe Phort an t-Sròim. A dh'aindeoin sin, bha an t-aiseag a bha a' dol tarsainn a' chaolais ann gu 1970, nuair a chuireadh crìoch air rathad ùr mu cheann Loch Carrann. Tha comharran chun a' bhaile a-nis ag ràdh, 'Stromeferry (No Ferry)'.

Nuair a chaidh rathad a' Chaoil a dhùnadh ann am maoimean-slèibhe 2012, ge-ta, chaidh an t-aiseag a chur ann a-rithist greiseag airson luchd-siubhail, gu h-àraid clann na sgoile, gan sàbhaladh bho astar mòr rathaid a h-uile latha.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Port an t-Sròim agus an Taigh-òsta bhon chala

ROS: Loch Aillse

tuineachaidhean oirthireach; taighean-òsta; calaidhean; Port an t-Sròim

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection