Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aithisg Comann Feòragan na Gaidhealtachd airson 1916, duilleag 1
EXTERNAL ID
Z_GB232_D522_49_1
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5421
KEYWORDS
glèidhteachas
coilltearachd
smachd air plàighean
feòrag
feòragan
Highland Squirrel Club Report for 1916, page 1

Cunntas bhliadhnail Comann Feòragan na Gaidhealtachd air a' bhliadhna gu 31mh An Dùbhlachd 1916. Bha cìsean ballrachd airson na bliadhna 5s airson choilltean na bu lugha na 200 acair agus 5s airson choilltean na bu mhotha na 200 acair agus ¼d gach acair thairis air an sin. Mar thoradh air gainnead bìdh ri àm a' chogaidh, chaidh a mholadh gun cruinnicheadh buill a' chomainn a h-uile h-ugh faoileige air na h-oighreachdan aca agus gun cuireadh iad na h-uighean chun an Ionad Cruinneachaidh Uighean a b' fhaisge orra agus an uair sin chun an Ospadail Airm a b' fhaisge.

Ann an 1844, chuir Baintighearna Lovat ìmpidh air an riaghaltas feòragan ruadha a thoirt a-steach dhan Ghaidhealtachd a-rithist. Ach, dh'fhàs an àireamh aca gu mòr, agus chaidh iad a dh'iomadh àite eile cuideachd. Airson rudeigin a dhèanamh mun chron a rinn iad air a' choilltich, chaidh Comann Feòragan na Gaidhealtachd a chur air bhonn gus feòragan a shealg, a ghlacadh agus a mharbhadh. Chaidh airgead a thoirt do dhaoine a chuir a-steach earbaill fheòragan. Gu h-annasach b' e Oighreachd na Moroich a mharbh an àireamh a bu mhotha

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aithisg Comann Feòragan na Gaidhealtachd airson 1916, duilleag 1

1910an

glèidhteachas; coilltearachd; smachd air plàighean; feòrag; feòragan

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Highland Squirrel Club 1916-1920 / Duncan & Duncan

Cunntas bhliadhnail Comann Feòragan na Gaidhealtachd air a' bhliadhna gu 31mh An Dùbhlachd 1916. Bha cìsean ballrachd airson na bliadhna 5s airson choilltean na bu lugha na 200 acair agus 5s airson choilltean na bu mhotha na 200 acair agus ¼d gach acair thairis air an sin. Mar thoradh air gainnead bìdh ri àm a' chogaidh, chaidh a mholadh gun cruinnicheadh buill a' chomainn a h-uile h-ugh faoileige air na h-oighreachdan aca agus gun cuireadh iad na h-uighean chun an Ionad Cruinneachaidh Uighean a b' fhaisge orra agus an uair sin chun an Ospadail Airm a b' fhaisge.<br /> <br /> Ann an 1844, chuir Baintighearna Lovat ìmpidh air an riaghaltas feòragan ruadha a thoirt a-steach dhan Ghaidhealtachd a-rithist. Ach, dh'fhàs an àireamh aca gu mòr, agus chaidh iad a dh'iomadh àite eile cuideachd. Airson rudeigin a dhèanamh mun chron a rinn iad air a' choilltich, chaidh Comann Feòragan na Gaidhealtachd a chur air bhonn gus feòragan a shealg, a ghlacadh agus a mharbhadh. Chaidh airgead a thoirt do dhaoine a chuir a-steach earbaill fheòragan. Gu h-annasach b' e Oighreachd na Moroich a mharbh an àireamh a bu mhotha