Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Bruidhinn ris an t-Sluagh mu charragh-cuimhne Alasdair Chamshroin
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_300
ÀITE
Tùrnaig
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
DEIT
9 An Lùnastal 1952
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
5422
KEYWORDS
bàrdachd Gàidhlig
bàrdachd Ghàidhlig
carraighean-cuimhne
càirn
bàird
Addressing those gathered at the Alexander Memorial Cairn

Dealbh-camara, air a thogail air an 9mh Lùnastal 1952 anns a bheil sluagh air cruinneachadh ann an Tùrnaig mu chàrn-cuimhneachaidh Alasdair Chamshroin, Bàrd Thùrnaig. Tha an càrn mu dhà mhìle sìos an A832 bho Pholl Iùbh.

Bha am bàrd Gàidhlig seo ainmeil, cha b' ann a-mhàin airson a bhàrdachd, ach cuideachd air an eòlas a bh' aige air croitearachd, cuspair a thug buaidh mhòr air a bhàrdachd. Rugadh e ann an 1851ann an Inbhir Àsdal air bruaich an iar Loch Iùbh. Fhuair e bun teagaisg aig sgoil na h-Eaglaise Saoire mus do thòisich e ag obair aig O. H. MacCoinnich ann an Inbhir Iùbh (bràthair Sir K MacCoinnich à Geàrrloch), agus dh'fhuirich e ag obair an sin fad 40 bliadhna. Ghabh MacCoinnich gnothach ri foghlam a' Chamshronaich òig, a' toirt dha an cothrom foghlam ceart fhaighinn gus an robh e sgileil a' sgrìobhadh an dà chuid, Gàidhlig is Beurla.

Thàinig Camshron gu bhith na bhàrd aig an robh cliù: nochd grunn phìosan bàrdachd leis sna pàipearan aig tuath agus dh'aithris e feadhainn de a dhàin do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis. Cha robh a bhàrdachd idir a' beantainn do chùisean poilitigeach no de dh'aoir ach 's ann mu chuspairean dùthchail a bha a rannan.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Bruidhinn ris an t-Sluagh mu charragh-cuimhne Alasdair Chamshroin

ROS: Geàrrloch

1950an

bàrdachd Gàidhlig; bàrdachd Ghàidhlig; carraighean-cuimhne; càirn; bàird

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection