Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne Alasdair Chamshroin - clàr sgrìobhte
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_305
ÀITE
Tùrnaig
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
DEIT
9 An Lùnastal 1952
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
5433
KEYWORDS
bàrdachd Gàidhlig
bàrdachd Ghàidhlig
carraighean-cuimhne
càirn
bàird
Alexander Cameron Memorial Cairn - plaque

Dealbh-camara faisg, air a thogail an 9mh Lùnastal 1952, den chlàr-sgrìobhte air a' chàrn do bhàrd Thùrnaig, Alasdair Camshron, a tha taobh a-muigh Lios Inbhir Iùbh. Tha e ag ràdh:

"In Memory of Alexander Cameron, The Tournaig Bard, 1848-1935,

Who lived all his long, useful life on the shores of Loch Ewe, and whose Gaelic poems and songs earned for him a wide and an honoured reputation throughout the north.

Is glòrmhor obair nàduir fèin, a' ghrian ag òradh neòil nan speur, cuan 'na chòmhnard bòidheach, reidh torman sèimh aig sèist nan allt (moladh Thùrnaig)"

Bha am bàrd Gàidhlig seo ainmeil, cha b' ann a-mhàin airson a bhàrdachd, ach cuideachd air an eòlas a bh' aige air croitearachd, cuspair a thug buaidh mhòr air a bhàrdachd. Rugadh e ann an 1851ann an Inbhir Àsdal air bruaich an iar Loch Iùbh. Fhuair e bun teagaisg aig sgoil na h-Eaglaise Saoire mus do thòisich e ag obair aig O. H. MacCoinnich ann an Inbhir Iùbh (bràthair Sir K MacCoinnich à Geàrrloch), agus dh'fhuirich e ag obair an sin fad 40 bliadhna. Ghabh MacCoinnich gnothach ri foghlam a' Chamshronaich òig, a' toirt dha an cothrom foghlam ceart fhaighinn gus an robh e sgileil a' sgrìobhadh an dà chuid, Gàidhlig is Beurla.

Thàinig Camshron gu bhith na bhàrd aig an robh cliù: nochd grunn phìosan bàrdachd leis sna pàipearan aig tuath agus dh'aithris e feadhainn de a dhàin do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis. Cha robh a bhàrdachd idir a' beantainn do chùisean poilitigeach no de dh'aoir ach 's ann mu chuspairean dùthchail a bha a rannan.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne Alasdair Chamshroin - clàr sgrìobhte

ROS: Geàrrloch

1950an

bàrdachd Gàidhlig; bàrdachd Ghàidhlig; carraighean-cuimhne; càirn; bàird

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection