Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbh de Disathuirne Dubh Inbhir Ùige le R. Mac Anndra, 1885
EXTERNAL ID
AB_WICK_ART_22
ÀITE
Inbhir Ùige
SGÌRE
Gallaibh an Ear
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
CRUTHADAIR
R. Anderson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
548
KEYWORDS
dealbh sealladh-tìre
dealbh mara
Painting of Wick's Black Saturday by R. Anderson, 1885

Lorgar an dealbh seo, "Wick's Black Saturday", le R. Anderson, ann an Talla Baile Inbhir Ùige.

19mh den Lùnastal 1848: Dh'fhàg 800 bàta cala Inbhir Ùige airson an iasgaich. Thàinig stoirm uabhasach air Costa an ear-thuath Alba agus chaidh na bàtaichean a ghlacadh taobh a-muigh a' chalaidh is iad a' feitheamh gus an tigeadh a' mhuir-làn ach am faigheadh iad slighe shàbhailte gu àite na bu chiùine. Dh'fheuch mòran ac' air a' bhàgh is an làn ag èirigh ach chaidh iad air na creagan air neo bhuail iad na chèile leis na teaghlaichean agus na càirdean aca gan coimhead.

Uile gu lèir, chaidh 37 neach a bhuineadh do Sgìre Inbhir Ùige a bhàthadh, a' fàgail 17 banntraichean agus 63 duine cloinne às an dèidh. Chaidh 18 bàtaichean fodha. Chailleadh 94 duine agus 30 bàta uile gu lèir air a' chost' an ear, agus bhathas a' meas luach na seilbh a chailleadh aig £23,000.

Thàinig e am follais anns an sgrùdadh phoblach a chumadh às dèidh làimh gum biodh na bàtaichean na bu dualtaiche a bhith air faighinn às slàn nam biodh iad air fuireach aig muir. Chùm tè dhe na bàtaichean a bu laige aig na lìn aice gus an tigeadh sàmhchair agus ràinig i an cala an ath latha.

Peantair: Raibeart Mac Anndra 1842-1885 a bha na ghràbhalaiche luingearachd agus sheallaidhean-tìre agus anns an fharsaingeachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbh de Disathuirne Dubh Inbhir Ùige le R. Mac Anndra, 1885

GALLAIBH: Inbhir Ùige

dealbh sealladh-tìre; dealbh mara

Am Baile

Wick Public Building Art