Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aonta gus Tuathanas Shartail, an t-Eilean Sgitheanach a Thoirt air Ghabhail
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_A_II_02
ÀITE
Sartail
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
DEIT
1792
LINN
1790an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5487
KEYWORDS
màl
gabhail
luchd-gabhail
tuathanasan
Letting Agreement for Sartle Farm, Skye

Tha an t-aonta seo air a shoidhnigeadh le Lieftenantan Iain Màrtainn agus Somhairle MacDhòmhnaill a' ceadachadh do MhacDhòmhnaill Tuathanas Shartail san Eilean Sgitheanach a thoirt air fo-ghabahil airson £40. Tha an deit 12 Cèitean 1792 air. Tha MacDhòmhnaill ris an tuathanas a ghabhail thairis bho Mhàrtainn aig an ath Chaingis. Tha am màl agus fiachan rim pàigheadh air 16 Ògmhios an ath shamhradh agus tha MacDhòmhnaill a' gealltainn am pàigheadh. Tha iad le chèile ag aontachadh gun crìochnaich gabhail Mhàrtainn aig a' Chaingis 1793. Tha Iain MacNeacail agus Aonghas MacAmhlaidh nam fianaisean air a' chùmhnant.

Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireaga agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd.

Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aonta gus Tuathanas Shartail, an t-Eilean Sgitheanach a Thoirt air Ghabhail

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1790an

màl; gabhail; luchd-gabhail; tuathanasan

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Sheriff JLM Mitchell (documents)

Tha an t-aonta seo air a shoidhnigeadh le Lieftenantan Iain Màrtainn agus Somhairle MacDhòmhnaill a' ceadachadh do MhacDhòmhnaill Tuathanas Shartail san Eilean Sgitheanach a thoirt air fo-ghabahil airson £40. Tha an deit 12 Cèitean 1792 air. Tha MacDhòmhnaill ris an tuathanas a ghabhail thairis bho Mhàrtainn aig an ath Chaingis. Tha am màl agus fiachan rim pàigheadh air 16 Ògmhios an ath shamhradh agus tha MacDhòmhnaill a' gealltainn am pàigheadh. Tha iad le chèile ag aontachadh gun crìochnaich gabhail Mhàrtainn aig a' Chaingis 1793. Tha Iain MacNeacail agus Aonghas MacAmhlaidh nam fianaisean air a' chùmhnant.<br /> <br /> Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireaga agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd. <br /> <br /> Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001