Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tagraidhean dhan Oifis Chogaidh le Caiptean Somhairle MacDhòmhnaill (cùl)
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_A_II_03A
DEIT
1803
LINN
1800an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5489
KEYWORDS
litrichean
arm
cuibhreannan
cunntasan
airm
armailteach
Claims to War Office by Captain Soirle Macdonald (back)

Tha an litir seo leis an deit 1 Dàmhair 1803 bho Sheumas Friseal, Cleveland Row (Lunnainn) gu Caiptean Somhairle MacDhòmhnaill, a bha roimhe sna Southall Volunteers, Scarthill, Sgonnsair. Tha i mu thagraidhean airson na bliadhna 1802 a tha Friseal, a tha na àidseant airm, air faighinn bhon Oifis Chogaidh. Thatar a' gabhail ri aon tagradh airson £17.14.11¾, ach chan eilear a' gabhail ri fear eile - £33.10t - airson aodach. Air a' chùl tha iomradh air cunntas MhicDhòmhnaill le Friseal.

Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireaga agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd.

Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tagraidhean dhan Oifis Chogaidh le Caiptean Somhairle MacDhòmhnaill (cùl)

1800an

litrichean; arm; cuibhreannan; cunntasan; airm; armailteach

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Sheriff JLM Mitchell (documents)

Tha an litir seo leis an deit 1 Dàmhair 1803 bho Sheumas Friseal, Cleveland Row (Lunnainn) gu Caiptean Somhairle MacDhòmhnaill, a bha roimhe sna Southall Volunteers, Scarthill, Sgonnsair. Tha i mu thagraidhean airson na bliadhna 1802 a tha Friseal, a tha na àidseant airm, air faighinn bhon Oifis Chogaidh. Thatar a' gabhail ri aon tagradh airson £17.14.11¾, ach chan eilear a' gabhail ri fear eile - £33.10t - airson aodach. Air a' chùl tha iomradh air cunntas MhicDhòmhnaill le Friseal.<br /> <br /> Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireaga agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd. <br /> <br /> Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001