Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir gu Somhairle MacDhòmhnaill mu Chuibhreann Airm (aghaidh)
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_A_II_04
DEIT
1811
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5491
KEYWORDS
litrichean
arm
cuibhreannan
cunntasan
airm
armailteach
Letter to Soirle Macdonald Concerning Military Allowance (front)

Tha an litir seo leis an deit 28 Gearran 1811 bho àidseant airm, Seumas Friseal, Cleveland Row (Lunnainn) gu Somhairle MacDhòmhnaill. Tha i mu chuibhreannan airm MhicDhòmhnaill. Tha Friseal a' toirt iomradh air litir, teisteas sgrìobhte agus foillseachadh MhicDhòmhnaill a thàinig bho chionn ghoirid. Tha e cuideachd a' comharrachadh dhiofaran agus ag iarraidh air MacDhòmhnaill foirmean atharraichte a chur a-steach agus gun ro-tharraing a dhèanamh air a' chunntas aige. Air a' chùl tha foillseachadh gun ainm ris air 'làn' theachd-a-steach MhicDhòmhnaill, 's e sin leth-phàigheadh de chuibhreann airm mar Liefteanant 'reduced' air Saighdearan-coise ann an Legion Bhreatainn a bh' ann, nach eil seachad air £41.10.4d sa bhliadhna.

Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireaga agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd.

Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir gu Somhairle MacDhòmhnaill mu Chuibhreann Airm (aghaidh)

1810an

litrichean; arm; cuibhreannan; cunntasan; airm; armailteach

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Sheriff JLM Mitchell (documents)

Tha an litir seo leis an deit 28 Gearran 1811 bho àidseant airm, Seumas Friseal, Cleveland Row (Lunnainn) gu Somhairle MacDhòmhnaill. Tha i mu chuibhreannan airm MhicDhòmhnaill. Tha Friseal a' toirt iomradh air litir, teisteas sgrìobhte agus foillseachadh MhicDhòmhnaill a thàinig bho chionn ghoirid. Tha e cuideachd a' comharrachadh dhiofaran agus ag iarraidh air MacDhòmhnaill foirmean atharraichte a chur a-steach agus gun ro-tharraing a dhèanamh air a' chunntas aige. Air a' chùl tha foillseachadh gun ainm ris air 'làn' theachd-a-steach MhicDhòmhnaill, 's e sin leth-phàigheadh de chuibhreann airm mar Liefteanant 'reduced' air Saighdearan-coise ann an Legion Bhreatainn a bh' ann, nach eil seachad air £41.10.4d sa bhliadhna.<br /> <br /> Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireaga agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd. <br /> <br /> Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001