Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir gu Somhairle Dòmhnallach mu dheidhinn peinnsean an airm (air ais)
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_A_II_05A
ÀITE
Sgonnsair
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
DEIT
1817
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5496
KEYWORDS
Peinnsean
arm
armailteach
An t-Eilean Sgitheanach
Sgonnsair
Letter to Soirle Macdonald concerning military pension (back)

Tha an litir seo leis an deit 18 Giblean 1817 bho Sheumas Friseal, a tha na àidseant airm ann an Cleveland Row (Lunnainn) gu Somhairle MacDhòmhnaill. Tha am Frisealach ag innse gu bheil 'the Poundage formerly detained from officers' half-pay (has) ceased to be deducted by Government'. Chì sinn seo air a' chunntas a bh' aig MacDhòmhnaill le Friseal (An Gearran 1810 -Ògmhios 1817) air cùl na duilleig.
Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireaga agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd.

Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh an Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dheth ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir gu Somhairle Dòmhnallach mu dheidhinn peinnsean an airm (air ais)

INBHIR NIS: Diùirinis

1810an

Peinnsean; arm; armailteach; An t-Eilean Sgitheanach; Sgonnsair

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Sheriff JLM Mitchell (documents)

Tha an litir seo leis an deit 18 Giblean 1817 bho Sheumas Friseal, a tha na àidseant airm ann an Cleveland Row (Lunnainn) gu Somhairle MacDhòmhnaill. Tha am Frisealach ag innse gu bheil 'the Poundage formerly detained from officers' half-pay (has) ceased to be deducted by Government'. Chì sinn seo air a' chunntas a bh' aig MacDhòmhnaill le Friseal (An Gearran 1810 -Ògmhios 1817) air cùl na duilleig.<br /> Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireaga agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd. <br /> <br /> Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh an Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dheth ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001