Ùrachadh mu Dheireadh 06/12/2016
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clach Cuimhne na Banrigh Bhictoria, Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_356
ÀITE
Taladal
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
5505
KEYWORDS
beanntan
sreap
streap
tursan rìoghail
taighean-òsta
clachan cuimhne
Queen Victoria's Commemorative Stone, Loch Maree Hotel

Dealbh-camara den chlach a tha a' cur cuimhne air turas na Banrigh Bhictoria gu Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe ann an 1877.

Tha Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe ainmeil air mar a thàinig a' Bhanrigh Bhictoria a dh'fhuireach ann ann an 1877 fhad 's a bha i a' dèanamh a turas air a' Ghàidhealtachd. Tha iad ag ràdh gur e seo a thòisich treudan de luchd-turais a' tighinn don sgìre.

'S ann bhon Ghàidhlig a tha ainm an loch a' tighinn, on Naomh Maol Rubha a stèidhich caibeal san ochdamh linn air eilean am meadhan an loch, air a bheil an-diugh Eilean Ma-Ruibhe. 'S e Loch Ma-Ruibhe an ceathramh loch fìor-uisge as motha ann an Alba le fad de 20km agus leud de 4km aig a' phìos as leatha. Tha rathad an A832 a' dol dhan iar a' leantainn bruaich a deas an loch, agus tha mòran den bheachd gur e seo fear de na lochan as tlachdmhoire don t-sùil a th' ann an Alba.

Tha a' bheinn, An Sleaghach (àirde 980m) na shuidhe air bruaich a tuath Loch Ma-Ruibhe agus tha Tèarmann Nàdair Beinn Eighe air a bhruaich a deas. Leis mar a tha an loch na laighe ann am prìomh-sgìre airson coiseachd nam beanntan, bidh mòran luchd-turais a' dèanamh air a h-uile bliadhna, tòrr aca a' sreap gu na mullaichean a tha timcheall air.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:

Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clach Cuimhne na Banrigh Bhictoria, Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe

ROS: Geàrrloch

beanntan; sreap; streap; tursan rìoghail; taighean-òsta; clachan cuimhne

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection