Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir dhan Mhorair MacDhòmhnaill mu Shealbh air Fearann, duilleag 2
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_A_II_09A
ÀITE
Sartail
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
DEIT
1814
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5509
KEYWORDS
sealbh air fearann
croitearachd
luchd-gabhaltais
lagh
luchd-lagha
Letter to Lord Macdonald Regarding Landholdings, page 2

Chan eil an dreachd litreach seo gu 'My Lord' (Am Morair MacDhòmhnaill, Triath nan Eilean) air a soidhnigeadh ach 's math dh'fhaodte gun deach a sgrìobhadh le Somhairle MacDhòmhnaill. Tha i mu ghabhaltas fearainn san Eilean Sgitheanach. Faodar geàrr-iomradh a dhèanamh oirre mar seo:

Aig an t-seat mu dheireadh air Tuathanas Shartail ann an 1814 chaill MacDhòmhnaill dàrna leth de rùm Iain Ghreumaich, a bha an uair sin na Chlàrc don t-Seamarlan. Dh'fhàg seo, còmhla ri 'late bad times', cùisean MhicDhòmhnaill na bu mhiosa na bha iad riamh na bheatha. Bu ghann a thug an Greumach an aire dhan tuathanas, 's e ga fhàgail aig a chotaran, agus le sin bha e cha mhòr do-dhèanta do MhacDhòmhnaill leasachadh sam bith a thoirt air. Chuir MacDhòmhnaill stad air oidhirp a' Ghreumaich a chuid-san dhan tuathanas a fo-sheatadh air màladairean. Thairg an Greumach fearann eile do MhacDhòmhnaill mar iomlaid ach chuir MacDhòmhnaill an aghaidh seo 's e suas ann am bliadhnaichean. Tha MacDhòmhnaill ag iarraidh air a' Mhorair stiùireadh a thoirt don Ghreumach gum fuirich e air an tuathanas agus gun cuir e ri bhith ga ruith, air neo gun leig e seachad còraichean sam bith air an tuathanas agus gun leig e le MacDhòmhnaill an còrr dhe làithean a chur seachad ann an cofhurtachd.

Tha MacDhòmhnaill an uair sin ag ainmeachadh gun deach còig tuathanasan fhuadachadh, a rèir aithris, ann an sgìre Fladaigh, dachaigh do 700-800 neach. Tha e ag iarraidh air a' Mhorair casg a chur air seo. Tha e a' tarraing aire gu 'another great evil that is considerably destructive to the low class of Tenantry' ,'s sin an àireamh mhòr de 'petty lawyers' agus an leithid ann am Port Rìgh a bhios a' cur dhaoine an aghaidh a chèile agus a' gabhail airgead a bu chòir cleachdadh airson màil a' Mhorair MhicDhòmhnaill a phàigheadh. Tha e ag aithris gu bheil co-dhiù 17 marsantan an Ùige a bhios a' cleachdadh dhòighean mì-chothromach air pàigheadh fhaighinn, airgead a bu chòir cleachdadh airson màl a phàigheadh. Tha e ag iarraidh freagairt gu sgiobalta.

Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireaga agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd.

Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir dhan Mhorair MacDhòmhnaill mu Shealbh air Fearann, duilleag 2

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1810an

sealbh air fearann; croitearachd; luchd-gabhaltais; lagh; luchd-lagha

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Sheriff JLM Mitchell (documents)