Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir gu Somhairle MacDhòmhnaill mu Pheinnsean Airm
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_A_II_13
DEIT
1824
LINN
1820an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5515
KEYWORDS
àidseantan
peinnseanan
arm
litrichean
Letter to Soirle Macdonald Regarding Military Pension

Chaidh an litir seo leis an deit 13 Gearran1824 a chur le àidseant airm D. Stoddart, 17 Sràid Theàrlaich, Ceàrnag Naoimh Sheumais, Lunnainn gu Lieft. S. MacDhòmhnaill. Na cois bha sgrìobhainn chlò-bhuailte a bha ri lìonadh ach am biodh a' Bh-Ph NicDhòmhnaill air a cur air liosta peinnsean an airm. Am measg na thugadh iomradh air tha stiùireadh airson an sgrìobhainn a lìonadh; tagraidhean airson peinnsean às leth clann MhicDhòmhnaill; litir dhan Mhorair MacDhòmhnaill; agus riaghailtean Colaiste Rìoghail an Airm a bha rin cur gu MacDhòmhnaill a dh'aithghearr le Stoddart.

Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireaga agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd.

Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir gu Somhairle MacDhòmhnaill mu Pheinnsean Airm

1820an

àidseantan; peinnseanan; arm; litrichean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Sheriff JLM Mitchell (documents)

Chaidh an litir seo leis an deit 13 Gearran1824 a chur le àidseant airm D. Stoddart, 17 Sràid Theàrlaich, Ceàrnag Naoimh Sheumais, Lunnainn gu Lieft. S. MacDhòmhnaill. Na cois bha sgrìobhainn chlò-bhuailte a bha ri lìonadh ach am biodh a' Bh-Ph NicDhòmhnaill air a cur air liosta peinnsean an airm. Am measg na thugadh iomradh air tha stiùireadh airson an sgrìobhainn a lìonadh; tagraidhean airson peinnsean às leth clann MhicDhòmhnaill; litir dhan Mhorair MacDhòmhnaill; agus riaghailtean Colaiste Rìoghail an Airm a bha rin cur gu MacDhòmhnaill a dh'aithghearr le Stoddart.<br /> <br /> Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireaga agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd. <br /> <br /> Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001