Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Coimhead thar Loch Iùbh
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_365
ÀITE
Loch Iùbh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
5524
KEYWORDS
taighean
taighean mòra
lochan
seallaidhean tìre
Overlooking Loch Ewe

Sealladh, gu math faisg air Taigh Inbhirein, a' coimhead don àird an ear sìos Loch Iùbh. Chithear duine le fèileadh air, sa bheulaibh, 's e a' coimhead dhan ear. Aig an àm a chaidh an dealbh a thogail, 's ann le Iain Henet Dixon à Siorrachd Iorc, a bha na mhaor-sìth (JP) do Ros is Cromba, a bha an taigh.

'S e loch-mara ann an sgìre Rois is Chrombaigh a th' ann an Loch Iùbh. Chan eil e ro dhomhainn, le doimhneachd a tha eadar 15m agus 40m mar is trice, ach 's e àite cruinneachaidh cudromach nam bàtaichean a th' air a bhith ann bhon t-17mh linn. Aig àm an Dàrna Cogaidh bhiodh bàtaichean-aigeil a' dol bhon loch seo a-steach dhan Chuan Shiar. Bhiodh soithichean a' siubhal còmhla ann an luing-dhìon a' dol taobh Afraga a Deas agus Ameireaga a Tuath a' cruinneachadh air acair san loch, agus cuideachd feadhainn a bha a' dol air an 'Arctic Run' gu tuath a Nirribhidh agus Murmansk.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Coimhead thar Loch Iùbh

ROS

taighean; taighean mòra; lochan; seallaidhean tìre

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection