Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gnìomhas Fearainn eadar Samuel Williams agus Iain Dòmhnallach, Carolina a Tuath
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_A_I_05
ÀITE
Carolina a Tuath
DEIT
1772
LINN
1770an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5525
KEYWORDS
gnìomhasan fearainn
USA
planntachas
eilthireachd
eilthirich
cùmhnantan
colonaidhean
Land Deed between Samuel Williams & John MacDonald, North Carolina

Tha a' chùmhnant seo, leis an deit 1772, eadar Samuel Williams agus Iain Dòmhnallach, le chèile bho Shiorrachd Anson, sgìre de Charolina a Tuath. Fon aonta, reic Williams 127 acraichean fearainn (a rèir an tuairisgeil) air gobhal Townsend de Cheeks Creek, Siorrachd Anson. (Bha cuid den fhearann ri taobh fearann Shomhairle Dhòmhnallaich.) Bha an sgrìobhainn clàraichte aig cùirt Siorrachd Anson agus tha comharran oirre seach ainmean-sgrìobhte.

Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireagaidh agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd.

Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gnìomhas Fearainn eadar Samuel Williams agus Iain Dòmhnallach, Carolina a Tuath

1770an

gnìomhasan fearainn; USA; planntachas; eilthireachd; eilthirich; cùmhnantan; colonaidhean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Sheriff JLM Mitchell (documents)

Tha a' chùmhnant seo, leis an deit 1772, eadar Samuel Williams agus Iain Dòmhnallach, le chèile bho Shiorrachd Anson, sgìre de Charolina a Tuath. Fon aonta, reic Williams 127 acraichean fearainn (a rèir an tuairisgeil) air gobhal Townsend de Cheeks Creek, Siorrachd Anson. (Bha cuid den fhearann ri taobh fearann Shomhairle Dhòmhnallaich.) Bha an sgrìobhainn clàraichte aig cùirt Siorrachd Anson agus tha comharran oirre seach ainmean-sgrìobhte.<br /> <br /> Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireagaidh agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd.<br /> <br /> Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001