Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clàr-seilbhe fearainn le Somhairle MacDhòmhnaill, Carolina a Tuath, duilleag 1
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_A_I_11
ÀITE
Carolina a Tuath
DEIT
1776
LINN
1770an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5535
KEYWORDS
USA
eilthireachd
eilthirich
clàr-seilbhe fearainn
colonaidhean
Land inventory of Soirle Macdonald, North Carolina, page 1

Tha an clàr-seilbhe seo, leis an deit Faoilleach 1776, a' liostadh fearann agus stoc le Somhairle MacDhòmhnaill ann an sgìre Charolina a Tuath, 'at the time that he and several of his friends of Government got under Arms at the desire of Governor Martin then of that Province'. Bha 427 acraichean ann am planntachas MhicDhòmhnaill aig gobhal Townsend de Cheeks Creek, siorrachd Anson; bha 1000 acair gu lèir ann an ceithir planntachas eile (a rèir coltais trì ann an siorrachd Anson, aonan ann an siorrachd Chumberland). Bha 550 acraichean gu lèir ann an raointean fearainn ann an siorrachd Bladen. Bha luach £4017.10t air na 1977 acraichean gu lèir.

Anns an stoc aig MacDhòmhnaill bha 53 beathach cruidh (air an liostadh fa leth) aig £159; ceithir eich (air an liostadh fa leth) aig £85.18t; 264 othaisgean (air an liostadh fa leth) aig £134.8t. Bha luach £119.10t air bàrr na bliadhna 1776 - arbhar, cruithneachd, coirce, rus, agus buntàta. bha luach £40 air 200 galan de 'bhrandaidh' bho mheasan an lios; agus àirneis aig £183. Bha luach £50 an urra air '2 Negro wenches and 1 fellow'. B' e luach iomlan na h-oighreachd £4789.6t.

Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireagaidh agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd.

Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clàr-seilbhe fearainn le Somhairle MacDhòmhnaill, Carolina a Tuath, duilleag 1

1770an

USA; eilthireachd; eilthirich; clàr-seilbhe fearainn; colonaidhean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Sheriff JLM Mitchell (documents)