Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir Rèite gu Còirnealair MacDaniel, 1776
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_A_I_12
DEIT
1776
LINN
1770an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5539
KEYWORDS
Cogadh Saorsa Ameireagaidh
litrichean
colonaidhean
Letter of Appeasement to Colonel McDaniel, 1776

Chaidh an litir seo, leis an deit 8 Iuchar 1776, a chur le GG Cowell a bha os cionn na rèisimeid aig a' champa aig Cherraws, Carolina a Deas, mar thairgse air rèite gu Còirnealair MacDaniel aig an tuineachadh Ghàidhealach, Carolina a Tuath. Tha Cowell air òrduighean fhaighinn a dhol an urras do mhuinntir a' cholonaidh mun 'friendly disposition of the British government towards them'. Tha e an uair sin ag aithris gu bheil an colonaidh a' caoidh 'the unhappy mistake that some of your people were lately drawn into and the dreadful consequence that followed'. Tha e a' crìochnachadh le bhith ag iarraidh gun tadhail triùir no ceathrar de riochdairean an tuineachaidh air gus ceanglaichean eatorra a shlànachadh.

Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir Rèite gu Còirnealair MacDaniel, 1776

1770an

Cogadh Saorsa Ameireagaidh; litrichean; colonaidhean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Sheriff JLM Mitchell (documents)

Chaidh an litir seo, leis an deit 8 Iuchar 1776, a chur le GG Cowell a bha os cionn na rèisimeid aig a' champa aig Cherraws, Carolina a Deas, mar thairgse air rèite gu Còirnealair MacDaniel aig an tuineachadh Ghàidhealach, Carolina a Tuath. Tha Cowell air òrduighean fhaighinn a dhol an urras do mhuinntir a' cholonaidh mun 'friendly disposition of the British government towards them'. Tha e an uair sin ag aithris gu bheil an colonaidh a' caoidh 'the unhappy mistake that some of your people were lately drawn into and the dreadful consequence that followed'. Tha e a' crìochnachadh le bhith ag iarraidh gun tadhail triùir no ceathrar de riochdairean an tuineachaidh air gus ceanglaichean eatorra a shlànachadh.<br /> <br /> Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001