Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Bàt'-aiseig aig Scarfskerry, Gallaibh
EXTERNAL ID
AB_WICK_ART_28
ÀITE
Scarfskerry
SGÌRE
Gallaibh a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Dùnaid
CRUTHADAIR
William Daniell
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
554
KEYWORDS
seallaidhean-tìre
seallaidhean-mara
The Ferry at Scarfskerry, Caithness

Tha an gràbhaladh seo de "The Ferry at Scarfskerry, Caithness" le Uilleam Daniell ann an leabharlann Charnegie ann an Inbhir Ùige.

Bha Uilleam Daniell na pheantair Sasannach. Rugadh ann an Kingston-upon-Thames an Surrey e. Bha athair na chlachair aig an robh taigh-seinnse ris an abrar 'The Swan' faisg air làimh ann an Chertsey. Thàinig atharrachadh mòr air na bha san amharc dha Daniell nuair a chaidh a chur a dh'fhuireach còmhla ri fear Tòmas (1749-1840) uncail dha an dèidh dha athair bàsachadh an 1779. Bha Tòmas na neach-ealain a thàinig gu bhith na Fhoghlainne Rìoghail, le Uilleam na sgoilear aige. Dh'fhàg Uilleam agus uncail Breatainn anns a' Ghiblean 1785 a ghabhail turas-cuain tro Shìona agus na h-Innseachan.

Ann an 1791 an Calcutta, chùm iad crannchur de chruinneachadh dhe na dealbhan aca, a' cur na rinn iad às an reic gu feum ann a bhith a' leantainn orra air an turas agus le bhith a' tarraing dhealbhan. Thill iad a Bhreatainn ann an 1794, far an do chuir iad na ionnsaich iad gu feum le bhith a' tarraing dhealbhan ola de mheud taisbeanaidh. Tha 'View of the East India Fleet in the Sunda Strait' le Daniell a' togail air na turasan aige, agus dh'fhoillsich e leabhar le dealbhan an 1819 'A Picturesque Voyage to India by way of China'. Ghabh e turasan dealbhaireachd air feadhceann a tuath Bhreatainn, agus dh'fhoillish e A Voyage Around Great Britain (1814-25). 'S ann air an turas seo a rinn e an gràbhaladh seo.

Mun àm seo, chaidh a thaghadh mar Fhoghlainne Rìoghail. Chaidh cur ris na seallaidhean luingearachd aige, leithid 'A Bird's-Eye View of the East India Dock at Blackwell' (Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Maral, Lunnainn) le samhlaidhean beaga batail air an robh mòran meas aig daoine. Ann an 1825 fhuair e duais £100 airson paidhir air an robh 'The Battle of Trafalgar', a chaidh an taisbeanadh aig an Institiud Bhreatannach. Lean e air le bhith ag obair gus do bhàsaich e 12 bliadhna às dèidh seo.

Tha clachan sreathach air costa tuath Ghallaibh, Scarfskerry, a' coimhead thar lùb den Chaol Arcach, 7 mìle gun iar air Taigh Iain Ghròt agus 2 mhìle an iar air Caisteal Mheigh. Thogadh taigh a' bhat'-aiseig tràth anns an 19mh linn.

Ann an 1818 ghabh Uilleam Daniell cuairt bho Scarfskerry a-null a Mhelsetter, aiseag a thug trì uairean a thìde, agus chaidh 15/- a phàigheadh air a' bhàta agus an sgioba air mhàl

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Bàt'-aiseig aig Scarfskerry, Gallaibh

GALLAIBH: Dùnaid

seallaidhean-tìre; seallaidhean-mara

Am Baile

Wick Public Building Art