Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fiosrachadh mu Shloinneadh Shomhairle MhicDhòmhnaill, Carolina a Tuath
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_A_I_13
ÀITE
Carolina a Tuath
DEIT
1777
LINN
1770an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5541
KEYWORDS
USA
eilthireachd
eilthirich
sloinntearachd
sloinneadh
Genealogical Data Relating to Soirle Macdonald, North Carolina

Chaidh a' chunntas seo, leis an deit 12 Cèitean 1777, a sgrìobhadh le Somhairle MacDhòmhnaill bho Shiorrachd Anson, Carolina a Tuath. Tha liosta ann de shinnsearan bhon Eilean Sgitheanach (le deitichean am bàis) agus feadhainn de theaghlach fhèin, le ainmean agus deitichean breith.

Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireagaidh agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd.

Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fiosrachadh mu Shloinneadh Shomhairle MhicDhòmhnaill, Carolina a Tuath

1770an

USA; eilthireachd; eilthirich; sloinntearachd; sloinneadh

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Sheriff JLM Mitchell (documents)

Chaidh a' chunntas seo, leis an deit 12 Cèitean 1777, a sgrìobhadh le Somhairle MacDhòmhnaill bho Shiorrachd Anson, Carolina a Tuath. Tha liosta ann de shinnsearan bhon Eilean Sgitheanach (le deitichean am bàis) agus feadhainn de theaghlach fhèin, le ainmean agus deitichean breith.<br /> <br /> Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireagaidh agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd. <br /> <br /> Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001