Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cunntas air Airgead air a Thoirt do Shaighdearan Ùra le Somhairle MacDhòmhnaill, 1778
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_A_I_14
DEIT
1778
LINN
1770an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5542
KEYWORDS
USA
Cogadh Saorsa Ameireagaidh
eilthireachd
eilthirich
Account of Monies Given to Army Recruits by Soirle Macdonald, 1778

Air an duilleig làmh-sgrìobhte seo de chunntasan bho 1778 tha liosta de dh'airgead a thug Somhairle MacDhòmhnaill do shaighdearan ùra a' chogaidh, aig Philadelphia (29 Cèitean) agus New York (7 Iuchar) fa leth. Aig Philadelphia fhuair naoinear airgead làimhe ( ach gun d' fhuair aon duine airgead-làimhe agus lèine), £6.4.4d uile gu lèir; aig New York, fhuair seachdnar airgead-làimhe, ach gun d' fhuair aon duine lèine agus 'trucer' (briogais). Tha pàigheadh a bharrachd airson 'two calf skins for the men's bonnats' air a liostadh cuideachd.

Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireagaidh agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd.

Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cunntas air Airgead air a Thoirt do Shaighdearan Ùra le Somhairle MacDhòmhnaill, 1778

1770an

USA; Cogadh Saorsa Ameireagaidh; eilthireachd; eilthirich;

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Sheriff JLM Mitchell (documents)

Air an duilleig làmh-sgrìobhte seo de chunntasan bho 1778 tha liosta de dh'airgead a thug Somhairle MacDhòmhnaill do shaighdearan ùra a' chogaidh, aig Philadelphia (29 Cèitean) agus New York (7 Iuchar) fa leth. Aig Philadelphia fhuair naoinear airgead làimhe ( ach gun d' fhuair aon duine airgead-làimhe agus lèine), £6.4.4d uile gu lèir; aig New York, fhuair seachdnar airgead-làimhe, ach gun d' fhuair aon duine lèine agus 'trucer' (briogais). Tha pàigheadh a bharrachd airson 'two calf skins for the men's bonnats' air a liostadh cuideachd.<br /> <br /> Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireagaidh agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd. <br /> <br /> Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001