Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Barantas Togail Shaighdearan, Cogadh Saorsa Ameireagaidh, 1778
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_A_I_16
DEIT
1778
LINN
1770an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5545
KEYWORDS
USA
eilthireachd
eilthirich
saighdearan
gabhail san Arm
barantasan
Recruiting Warrant, American War of Independence, 1778

Tha am barantas togail seo leis an deit 11 Samhain 1778 air a shoidhnigeadh le Còirnealair Ceannard Cathcart, ceannard Legion Bhreatainn ann an New York a bha na fheachd armailteach Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireagaidh. Tha e a' toirt cead do Lieftenant [Somhairle] MacDhòmhnaill to 'proceed to such Parts of the Continent of North America, as shall appear...most expedient' gus saighdearan ùra foghainteach a thogail airson cuairt trì bliadhna air neo gus an crìochnaich an cogadh.

Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireaga agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd.

Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Barantas Togail Shaighdearan, Cogadh Saorsa Ameireagaidh, 1778

1770an

USA; eilthireachd; eilthirich; saighdearan; gabhail san Arm; barantasan

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Sheriff JLM Mitchell (documents)

Tha am barantas togail seo leis an deit 11 Samhain 1778 air a shoidhnigeadh le Còirnealair Ceannard Cathcart, ceannard Legion Bhreatainn ann an New York a bha na fheachd armailteach Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireagaidh. Tha e a' toirt cead do Lieftenant [Somhairle] MacDhòmhnaill to 'proceed to such Parts of the Continent of North America, as shall appear...most expedient' gus saighdearan ùra foghainteach a thogail airson cuairt trì bliadhna air neo gus an crìochnaich an cogadh.<br /> <br /> Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireaga agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd. <br /> <br /> Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001