Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir mu bhith a' Gluasad Ban-thràill, Carolina a Tuath, 1782
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_A_I_17
ÀITE
Carolina a Tuath
DEIT
1783
LINN
1780an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5546
KEYWORDS
USA
eilthireachd
eilthirich
tràilleachd
tràillean
Letter Concerning Movement of Female Slave, North Carolina, 1782

Tha an litir seo, leis an deit 16 Màrt 1782 ( cha ghabh an t-ainm-sgrìobhte leughadh) a' leigeil le ban-thràill a bhith air a gluasad. Tha an litir ag ràdh, 'The Bearer Lieut Soirle McDonald of the British Legion has permission to take with him a negro woman named Doll [?] being the property of his Daughter Mary and brought from Nth Carolina with his family'. Chaidh ainme-sgrìobhte G. Williams, Màidsear a' Bhragàid, New York a chur ris an litir air 26 Giblean 1783 aig Oifis a' Cheannaird.

Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireaga agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd.

Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001.

Leugh artaigil air an nì seo air làrach-lìn a' BhBC

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir mu bhith a' Gluasad Ban-thràill, Carolina a Tuath, 1782

1780an

USA; eilthireachd; eilthirich; tràilleachd; tràillean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Sheriff JLM Mitchell (documents)