Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Barantas Shaighdearan-coise Bhreatainn airson Lt Shomhairle MhicDhòmhnaill (cùl)
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_A_I_18A
DEIT
1783
LINN
1780an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5550
KEYWORDS
USA
eilthireachd
eilthirich
saighdearan
gabhail san Arm
barantasan
Cogadh Saorsa Ameireagaidh
British Infantry Warrant for Lt. Soirle McDonald (back)

Tha na notaichean peansail seo air cùl barantais leis an deit 25 Ògmhios 1783 a' toirt dreuchd Lieftenant ann an Saighdearan-coise Legion Bhreatainn fon Liefteanant Còirnealair Ceannard Bannastre Tarleton, do Shomhairle MacDhòmhnaill. Chaidh am barantas a shoidhnigeadh aig a' Phrìomh-ionad, New York le Sir Guy Carleton, Àrd-cheannard Feachdan An Rìgh ann an colonaidhean a' chosta shear bho Alba Nuadh gu Florida an Iar.

Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireaga agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd.

Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Barantas Shaighdearan-coise Bhreatainn airson Lt Shomhairle MhicDhòmhnaill (cùl)

1780an

USA; eilthireachd; eilthirich; saighdearan; gabhail san Arm; barantasan; Cogadh Saorsa Ameireagaidh

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Sheriff JLM Mitchell (documents)

Tha na notaichean peansail seo air cùl barantais leis an deit 25 Ògmhios 1783 a' toirt dreuchd Lieftenant ann an Saighdearan-coise Legion Bhreatainn fon Liefteanant Còirnealair Ceannard Bannastre Tarleton, do Shomhairle MacDhòmhnaill. Chaidh am barantas a shoidhnigeadh aig a' Phrìomh-ionad, New York le Sir Guy Carleton, Àrd-cheannard Feachdan An Rìgh ann an colonaidhean a' chosta shear bho Alba Nuadh gu Florida an Iar.<br /> <br /> Rinn Caiptean Somhairle Dòmhnallach eilthireachd a Charolina a Tuath bhon Eilean Sgitheanach agus thuinich e ann an Siorrachd Anson. Thug e seirbheis mar Dhìlseach ann an Cogadh Saorsa Ameireaga agus an dèidh sin thuinich e ann an Shelburne, Alba Nuadh. Thill e dhan Eilean Sgitheanach c1792 far an robh e a' còmhnaidh gus an robh e còrr is 90. Dh'fhàg e banntrach òg a bha fhathast a' còmhnaidh aig Feaul, Cille Mhoire ann an 1886, 's i air aois 100 bliadhna a ruigheachd. <br /> <br /> Tha an sgrìobhainn mar phàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (r. 13 Ògmhios 1929) do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Chaochail e air 26 Samhain 2001