Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Craobh Teaghlaich JLM Mhitchell (làmh-sgrìobhte)
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_C_II_07
LINN
20l
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5609
KEYWORDS
sloinntearachd
eachdraidh teaghlaich
eachdraidhean teaghlaich
craobhan teaghlaich
Family Tree of JLM Mitchell (hand-written)

Tha a' chraobh teaghlaich làmh-sgrìobhte seo, le Murchadh MacMhathain agus an t-Urramach Raibeart MacGhriogair (le chèile bho Chille Mhoire, an t-Eilean Sgitheanach) air a ceann, a' sealltainn nan ginealaichean sìos gu Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (1929-2001) agus a phiuthar, Dr Harriet Mhitchell. Tha i na pàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis.

Bhuineadh Mitchell do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. An dèidh seirbheis a thoirt na fho-liefteanant san Chàbhlach Rìoghail, chaidh Mitchell a leigeil a-steach gu Dàmh an Luchd-tagraidh ann an 1957. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995.

Ged a chuir e seachad a bheatha ag obair ann an Dùn Èideann, bha gràdh fhathast aig Mitchell don Ghàidhealtachd. Chuir e seachad ùine a' siubhal air feadh na Gàidhealtachd ann an cas-cheumannan Bhoswell agus MhicIian, a' comharrachadh làraich a bh' air a dhol à cuimhne o chionn fhada agus a' togail dhealbhan airson taisbeanadh a chomharrachadh dà cheud bliadhna bho chaidh 'Journal of a Tour of The Hebrides' fhoillseachadh. Thòisich an taisbeanadh ann an Taigh na Pàrlamaid agus lean e ann an Inbhir Nis fad grunn bhliadhnaichean an dèidh sin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Craobh Teaghlaich JLM Mhitchell (làmh-sgrìobhte)

20l

sloinntearachd; eachdraidh teaghlaich; eachdraidhean teaghlaich; craobhan teaghlaich

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Sheriff JLM Mitchell (documents)

Tha a' chraobh teaghlaich làmh-sgrìobhte seo, le Murchadh MacMhathain agus an t-Urramach Raibeart MacGhriogair (le chèile bho Chille Mhoire, an t-Eilean Sgitheanach) air a ceann, a' sealltainn nan ginealaichean sìos gu Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell (1929-2001) agus a phiuthar, Dr Harriet Mhitchell. Tha i na pàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis.<br /> <br /> Bhuineadh Mitchell do dh'Inbhir Nis agus bu mhac e don dotair ainmeil Lachlann Mitchell. An dèidh seirbheis a thoirt na fho-liefteanant san Chàbhlach Rìoghail, chaidh Mitchell a leigeil a-steach gu Dàmh an Luchd-tagraidh ann an 1957. Rinneadh siorraidh làn-ùine dhe ann an Dùn Èideann ann an 1978 agus thug e seirbheis an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995.<br /> <br /> Ged a chuir e seachad a bheatha ag obair ann an Dùn Èideann, bha gràdh fhathast aig Mitchell don Ghàidhealtachd. Chuir e seachad ùine a' siubhal air feadh na Gàidhealtachd ann an cas-cheumannan Bhoswell agus MhicIian, a' comharrachadh làraich a bh' air a dhol à cuimhne o chionn fhada agus a' togail dhealbhan airson taisbeanadh a chomharrachadh dà cheud bliadhna bho chaidh 'Journal of a Tour of The Hebrides' fhoillseachadh. Thòisich an taisbeanadh ann an Taigh na Pàrlamaid agus lean e ann an Inbhir Nis fad grunn bhliadhnaichean an dèidh sin