Ùrachadh mu Dheireadh 07/02/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Teisteanas Ceumnachaidh do Lachlann MacMhathain
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_C_I_04
DEIT
1836
LINN
1830an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5617
KEYWORDS
foghlam
oilthighean
lannsaireachd
oileanaich mheidigeach
lannsairean
Graduation Testimonial for Lachlan Matheson

Tha an teisteanas seo leis an deit 17 Cèitean 1836 air a shoidhnigeadh le Alasdair Hannay MD, Ollamh ann am Fiosaig msaa aig Oilthigh MhicAnndrais. Tha e a' dearbhadh gun do fhritheil Lachlann MacMhathain, lannsair, a chùrsaichean de dh'òraidean air teòiridh agus cleachdadh Fiosaig 'with the most exemplary diligence and attention to the business of the classes'. Tha an sgrìobhainn na pàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. B' e Lachlann MacMhathain sinn-seanair Mhitchell.

Air a stèidheachadh fo Thiomnadh Iain MhicAnndrais (1726-1796), bha Institiùd MhicAnndrais air a chur air bhonn ann an 1796. Ann an 1826 dh'atharraicheadh an t-ainm gu Oilthigh MhicAnndrais ach ann an 1877 dh'fheumadh i an tiotal 'Oilthigh' a chur bhuaipe leis nach robh barantas rìoghail aice - 's an àite sin thugadh Colaiste MhicAnndrais oirre. Ann an 1887 thàinig i gu bhith na prìomh phàirt de Cholaiste Teicneòlach Ghlaschu agus Taobh Siar na h-Alba.

Bha an Sgoil Mheidigeach, stèidhichte ann an 1799, na pàirt cudromach de dh'Oilthigh MhicAnndrais. Ann an 1887 chaidh seo na ionad a bha air a ruith gu neo-eisimeileach, agus mu dheireadh chaidh a ghabhail a-staigh gu Oilthigh Ghlaschu ann an 1947. Fhad 's a bha Colaiste/Oilthigh MhicAnndrais ann, gu tric 's e an 'Andersonian' a chanadh daoine ris

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Teisteanas Ceumnachaidh do Lachlann MacMhathain

1830an

foghlam; oilthighean; lannsaireachd; oileanaich mheidigeach; lannsairean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Sheriff JLM Mitchell (documents)

Tha an teisteanas seo leis an deit 17 Cèitean 1836 air a shoidhnigeadh le Alasdair Hannay MD, Ollamh ann am Fiosaig msaa aig Oilthigh MhicAnndrais. Tha e a' dearbhadh gun do fhritheil Lachlann MacMhathain, lannsair, a chùrsaichean de dh'òraidean air teòiridh agus cleachdadh Fiosaig 'with the most exemplary diligence and attention to the business of the classes'. Tha an sgrìobhainn na pàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. B' e Lachlann MacMhathain sinn-seanair Mhitchell.<br /> <br /> Air a stèidheachadh fo Thiomnadh Iain MhicAnndrais (1726-1796), bha Institiùd MhicAnndrais air a chur air bhonn ann an 1796. Ann an 1826 dh'atharraicheadh an t-ainm gu Oilthigh MhicAnndrais ach ann an 1877 dh'fheumadh i an tiotal 'Oilthigh' a chur bhuaipe leis nach robh barantas rìoghail aice - 's an àite sin thugadh Colaiste MhicAnndrais oirre. Ann an 1887 thàinig i gu bhith na prìomh phàirt de Cholaiste Teicneòlach Ghlaschu agus Taobh Siar na h-Alba.<br /> <br /> Bha an Sgoil Mheidigeach, stèidhichte ann an 1799, na pàirt cudromach de dh'Oilthigh MhicAnndrais. Ann an 1887 chaidh seo na ionad a bha air a ruith gu neo-eisimeileach, agus mu dheireadh chaidh a ghabhail a-staigh gu Oilthigh Ghlaschu ann an 1947. Fhad 's a bha Colaiste/Oilthigh MhicAnndrais ann, gu tric 's e an 'Andersonian' a chanadh daoine ris