Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Teisteanas do Lachlann MacMhathain, duilleag 2
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_C_I_05A
DEIT
1836
LINN
1830an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5621
KEYWORDS
foghlam
oilthighean
lannsaireachd
oileanaich mheidigeach
lannsairean
Testimonial for Lachlan Matheson, page 2

Tha an teisteanas seo leis an deit 23 Lùnastal 1836 air a shoidhnigeadh le Seumas MacUilleim, lannsair, Glaschu. Tha e a' dearbhadh gun do fhritheil MacMhathain òraidean MhicUilleim air banas-glùine agus galaran mhnathan agus cloinne, agus gun do rinn e adhartas mòr na oideachadh proifeiseanta. Sa chrìochnachadh tha MacUilleim ag àrd-mholadh MacMhathain mar lannsair le deagh bharantachadh. Tha an sgrìobhainn na pàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. B' e Lachlann MacMhathain sinn-seanair Mhitchell.

Air a stèidheachadh fo Thiomnadh Iain MhicAnndrais (1726-1796), bha Institiùd MhicAnndrais air a cur air bhonn ann an 1796. Ann an 1826 dh'atharraicheadh a h-ainm gu Oilthigh MhicAnndrais ach ann an 1877 dh'fheumadh i an tiotal 'Oilthigh' a chur bhuaipe leis nach robh barantas rìoghail aice - 's an àite sin thugadh Colaiste MhicAnndrais oirre. Ann an 1887 thàinig i gu bhith na prìomh phàirt de Cholaiste Theicneòlach Ghlaschu agus Taobh Siar na h-Alba.

Bha an Sgoil Mheidigeach, stèidhichte ann an 1799, na pàirt cudromach de dh'Oilthigh MhicAnndrais. Ann an 1887 chaidh seo na ionad a bha air a ruith gu neo-eisimeileach, agus mu dheireadh chaidh a ghabhail a-staigh gu Oilthigh Ghlaschu ann an 1947. Fhad 's a bha Colaiste/Oilthigh MhicAnndrais ann, gu tric 's e an 'Andersonian' a chanadh daoine ris

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Teisteanas do Lachlann MacMhathain, duilleag 2

1830an

foghlam; oilthighean; lannsaireachd; oileanaich mheidigeach; lannsairean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Sheriff JLM Mitchell (documents)

Tha an teisteanas seo leis an deit 23 Lùnastal 1836 air a shoidhnigeadh le Seumas MacUilleim, lannsair, Glaschu. Tha e a' dearbhadh gun do fhritheil MacMhathain òraidean MhicUilleim air banas-glùine agus galaran mhnathan agus cloinne, agus gun do rinn e adhartas mòr na oideachadh proifeiseanta. Sa chrìochnachadh tha MacUilleim ag àrd-mholadh MacMhathain mar lannsair le deagh bharantachadh. Tha an sgrìobhainn na pàirt de Thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. B' e Lachlann MacMhathain sinn-seanair Mhitchell.<br /> <br /> Air a stèidheachadh fo Thiomnadh Iain MhicAnndrais (1726-1796), bha Institiùd MhicAnndrais air a cur air bhonn ann an 1796. Ann an 1826 dh'atharraicheadh a h-ainm gu Oilthigh MhicAnndrais ach ann an 1877 dh'fheumadh i an tiotal 'Oilthigh' a chur bhuaipe leis nach robh barantas rìoghail aice - 's an àite sin thugadh Colaiste MhicAnndrais oirre. Ann an 1887 thàinig i gu bhith na prìomh phàirt de Cholaiste Theicneòlach Ghlaschu agus Taobh Siar na h-Alba.<br /> <br /> Bha an Sgoil Mheidigeach, stèidhichte ann an 1799, na pàirt cudromach de dh'Oilthigh MhicAnndrais. Ann an 1887 chaidh seo na ionad a bha air a ruith gu neo-eisimeileach, agus mu dheireadh chaidh a ghabhail a-staigh gu Oilthigh Ghlaschu ann an 1947. Fhad 's a bha Colaiste/Oilthigh MhicAnndrais ann, gu tric 's e an 'Andersonian' a chanadh daoine ris