Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Pàigheadh gabhail
EXTERNAL ID
Z_GB232_D928_D_1_01A
ÀITE
Forres
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH
LINN
1670an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comann Gàidhlig Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
5670
KEYWORDS
làraichean
cìs gabhail
màil
Discharge of Feu Duty

Is e seo clò-bhualadh de sgrìobhainn o 1679, cuidhteas gabhail - 81 not agus seachd tasdain gu lèir - a fhuaireadh bho Uilleam Cuimeineach à Muileann na Creige ann an 1678, às leth Sheumais Falconer à Farrais. Anns a' bhliadhna sin - 1679 - tha an aon shuim air a pàigheadh. Tha an rùnaire aig Caisteal Spaidhnidh - Mgr. Seumas Glendinning - air a bhith na fhianas nuair a chuireadh ainm ris an sgrìobhainn.

Tha an sgrìobhainn seo na phàirt de thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Seumas Lachlainn Màrtainn Mitchell (a rugadh air 13mh là dhen Ògmhios 1929) do Shiorrachd Inbhir Nis. B' esan mac don lighiche ainmeil Lachlainn Mitchell. Shuidhicheadh e mar shiorraidh làn-ùine ann an Dùn Èideann ann an 1978, agus bha e an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Dh'eug e air 26mh là dhen t-Samhain 2001

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Pàigheadh gabhail

MOIREIBH

1670an

làraichean; cìs gabhail; màil

Comann Gàidhlig Inbhir Nis

Sheriff JLM Mitchell (documents)

Is e seo clò-bhualadh de sgrìobhainn o 1679, cuidhteas gabhail - 81 not agus seachd tasdain gu lèir - a fhuaireadh bho Uilleam Cuimeineach à Muileann na Creige ann an 1678, às leth Sheumais Falconer à Farrais. Anns a' bhliadhna sin - 1679 - tha an aon shuim air a pàigheadh. Tha an rùnaire aig Caisteal Spaidhnidh - Mgr. Seumas Glendinning - air a bhith na fhianas nuair a chuireadh ainm ris an sgrìobhainn.<br /> <br /> Tha an sgrìobhainn seo na phàirt de thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis. Bhuineadh Seumas Lachlainn Màrtainn Mitchell (a rugadh air 13mh là dhen Ògmhios 1929) do Shiorrachd Inbhir Nis. B' esan mac don lighiche ainmeil Lachlainn Mitchell. Shuidhicheadh e mar shiorraidh làn-ùine ann an Dùn Èideann ann an 1978, agus bha e an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995. Dh'eug e air 26mh là dhen t-Samhain 2001